Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 1:13 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

13 Agus bha e anns an fhàsach airson ceathrad latha air a bhuaireadh leis an t‑Sàtan. Agus bha e còmhla ri na beathaichean fiadhaich, agus bha na h‑ainglean a' frithealadh dha.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

13 Agus bha e an sin anns an fhàsach dà‑fhichead là air a bhuaireadh le Sàtan, agus bha e maille ris na fiadh-bheathaichean, agus fhritheil na h‑aingil dha.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

13 Agus bha e an sin anns an fhàsach dà‑fhichead là air a bhuaireadh le Sàtan, agus bha e maille ris na fiadh‐bheathaichean, agus fhritheil na h‑aingil dha.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

13 Bha e ann an sin ga fheuchainn aig an t‑Sàtan fad dà fhichead là. Cha robh còmhla ris ach beathaichean fiadhaich, ach bha na h‑ainglean a' frithealadh dha.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

13 Agus bha e san fhasach dà-fhichead latha, agus dà-fhichead oidhche; us bhuaireadh le Satan e; ʼs bha e comhla ris na h-ainmhidhean, agus bha na h-ainglean a frithealadh dha.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 1:13
13 Iomraidhean Croise  

A bheil thu a' saoilsinn nach urrainn dhòmhsa guidhe air m' Athair, agus bheir e dhomh sa bhad barrachd air dà lègion dheug de dh'ainglean?


An uair sin chaidh Ìosa a threòrachadh leis an Spiorad dhan fhàsach airson a bhith air a bhuaireadh leis an diabhal.


Agus thill Ìosa, làn dhen Spiorad Naomh, o Iòrdan agus bha e air a threòrachadh leis an Spiorad anns an fhàsach


Agus feumaidh e a bhith air aideachadh gur mòr dìomhaireachd na diadhaidheachd: a bh' air fhoillseachadh san fheòil, air a dhearbhadh fìreanta leis an Spiorad, air fhaicinn le ainglean, air a shearmonachadh am measg nan Cinneach, a chaidh creidsinn ann anns an t‑saoghal, 's a bha air a thogail suas ann an glòir.


Oir chan eil àrd‑shagart againne nach urrainn co‑fhaireachdainn a nochdadh dhar laigsean; ach a chaidh a bhuaireadh anns gach rud coltach rinn fhèin, ach às aonais peacaidh.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan