Lùcas 9:54 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 201754 Nuair a chunnaic a dheisciobail Seumas is Eòin seo, thuirt iad, “A Thighearna, am bu toigh leat gun gairmeamaid air teine a thighinn a‑nuas o nèamh airson an sgrios?” Faic an caibideilAm Bìoball Gàidhlig 199254 Agus nuair a chunnaic a dheisciobail Seumas agus Eòin seo, thubhairt iad, A Thighearna, an àill leat gun abramaid teine a theachd a‑nuas o nèamh, agus an losgadh, eadhon mar a rinn Elias? Faic an caibideilAm Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 199254 Agus nuair a chunnaic a dheisciobail Seumas agus Eòin seo, thubhairt iad, A Thighearna, an àill leat gun abramaid teine a theachd a‑nuas o nèamh, agus an losgadh, eadhon mar a rinn Elias? Faic an caibideilTiomnadh Nuadh (MacEachen) 187554 ʼS nuair chunnaic a dheisciopuil, Seumas agus Eoin, so, thuirt iad: A Thighearna, an e do thoil gun iarr sinn teine a thighinn a nuas bho neamh, agus an sgrios? Faic an caibideil |