Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 9:51 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

51 Nuair a dhlùthaich na làithean dhàsan a bhith air a ghabhail suas, shuidhich e aghaidh gus a dhol gu Ierusalem.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

51 A‑nis, nuair a choileanadh làithean a ghabhail suas, shuidhich e a ghnùis a‑chum dol gu Ierusalem;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

51 A‑nis, nuair a choileanadh làithean a ghabhail suas, shuidhich e a ghnùis a‑chum dol gu Ierusalem;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

51 Agus thachair, nuair bha laithean a dheasghabhail gan coimhlionadh, gun do shuidhich e aghaidh gu dian gu dol gu Ierusalem.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 9:51
29 Iomraidhean Croise  

Mar sin an uair sin, às dèidh dhan Tighearna Ìosa bruidhinn riutha, chaidh a thoirt suas gu nèamh agus shuidh e air deas‑làimh Dhè.


Tha baisteadh agamsa leis am feum mi a bhith air mo bhaisteadh, agus nach mòr m' àmhghar gus an tèid a choileanadh!


An uair sin chaidh e tro na bailtean mòra is na bailtean beaga, a' teagasg agus a' dèanamh a shlighe gu Ierusalem.


A‑nis, air a shlighe gu Ierusalem, bha Ìosa a' dol eadar Samaria is Galile.


Thug e an dà fhear dheug gu aon taobh, agus thuirt e riutha, “Seallaibh, tha sinn a' dol suas gu Ierusalem, agus bidh a h‑uile rud a tha sgrìobhte leis na fàidhean mu Mhac an Duine air an coileanadh.


Fhad 's a bha iad ag èisteachd ris na rudan seo, lean e air is dh'innis e cosamhlachd, a chionn 's gun robh e faisg air Ierusalem agus a chionn 's gun do shaoil iadsan gun robh rìoghachd Dhè a' dol a nochdadh sa bhad.


Às dèidh do dh'Ìosa na rudan sin a ràdh, lean e air adhart romhpa, a' dol suas gu Ierusalem.


Fhad 's a bha e gam beannachadh, dhealaich e riutha agus chaidh a thoirt suas gu nèamh.


Fhad 's a bha iad a' coiseachd air adhart air an t‑slighe, thuirt cuideigin ris, “Leanaidh mise thu ge b' e càit an tèid thu.”


A‑nis ro Fhèill na Càisge, nuair a b' aithne do dh'Ìosa gun robh an uair aige air tighinn airson a dhol às an t‑saoghal seo chun an Athar, às dèidh dha a mhuinntir fhèin a bh' anns an t‑saoghal a ghràdhachadh, ghràdhaich e chun an deiridh iad.


Thàinig mi on Athair agus tha mi air tighinn a‑steach dhan t‑saoghal; agus a‑nis tha mi a' fàgail an t‑saoghail agus a' dol chun an Athar.”


“Ach a‑nis tha mi a' dol thuigesan a chuir a‑mach mi, agus chan eil aon agaibhse a' faighneachd dhomh, ‘Càit a bheil thu a' dol?’


Chan eil mise tuilleadh anns an t‑saoghal, ach tha iadsan anns an t‑saoghal, agus tha mise a' tighinn thugadsa. Athair naoimh, cùm iadsan nad ainm, a tha thu air a thoirt dhòmhsa, airson 's gum faod iad a bhith nan aon mar a tha sinne.


Dè nam faiceadh sibh Mac an Duine a' dol suas dhan àite anns an robh e roimhe?


gus an latha nuair a chaidh a thoirt suas, às dèidh dha àithntean a thoirt, tron Spiorad Naomh, dha na h‑abstoil a bha e air a thaghadh.


Agus nuair a bha e air na rudan seo a ràdh, fhad 's a bha iad a' coimhead air, chaidh a thogail suas agus thug sgòth às an sealladh e.


a dh'obraich e ann an Crìosd nuair a thog e o na mairbh e agus a chuir e na shuidhe air a dheas‑làimh fhèin e sna h‑àiteachan nèamhaidh


tha mi a' leantainn orm chun a' chinn‑uidhe airson duais àrd‑ghairm Dhè ann an Crìosd Ìosa.


Agus feumaidh e a bhith air aideachadh gur mòr dìomhaireachd na diadhaidheachd: a bh' air fhoillseachadh san fheòil, air a dhearbhadh fìreanta leis an Spiorad, air fhaicinn le ainglean, air a shearmonachadh am measg nan Cinneach, a chaidh creidsinn ann anns an t‑saoghal, 's a bha air a thogail suas ann an glòir.


a' coimhead air Ìosa, ceannard is fear‑crìochnachaidh ar creideimh, esan a dh'fhuiling an crann‑ceusaidh airson an aoibhneis a bha roimhe, a' dèanamh dìmeas air a nàire agus a shuidh air deas‑làimh rìgh‑chathair Dhè.


far an deach Ìosa, an ro‑ruitheadair, a‑steach air ar son‑ne, a chaidh a dhèanamh na àrd‑shagart gu sìorraidh a rèir òrduigh Mhelchisedeic.


a tha aig deas làimh Dhè, às dèidh dha a dhol do nèamh, 's e air ainglean is ùghdarrasan is cumhachdan a chur fo smachd.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan