Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 9:50 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

50 Ach thuirt Ìosa ris, “Na cuiribh bacadh air, oir ge b' e nach eil nur n‑aghaidh, tha e air ur son.”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

50 Agus thubhairt Iosa ris, Na bacaibh e: oir ge bè nach eil nar n‑aghaidh, tha e leinn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

50 Agus thubhairt Iosa ris, Na bacaibh e: oir ge bè nach eil nar n‑aghaidh, tha e leinn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

50 Us thuirt Iosa ris: Na bacaibh e: oir an neach nach eile ʼnur n-aghaidh, tha e leibh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 9:50
12 Iomraidhean Croise  

“Ge b' e nach eil leam, tha e nam aghaidh, agus ge b' e nach cruinnich leam, tha e a' sgapadh.


Nuair a thàinig iad gu Capernàum, thàinig luchd‑togail cìs an teampaill gu Peadar, agus thuirt iad ris, “Nach eil ur Fear‑Teagaisg a' pàigheadh cìs an teampaill?”


Agus nuair a thuirt e, “O fheadhainn eile,” thuirt Ìosa ris, “Mar sin tha a' chlann saor.


Thuirt Eòin ris, “Fhir‑Teagaisg, chunnaic sinne duine a' tilgeil a‑mach dheamhan nad ainm‑sa, agus dh'fheuch sinn ri bacadh a chur air, a chionn 's nach robh e gar leantainn‑ne.”


Oir ge b' e cò a bheir cupa uisge dhuibhse ri òl nam ainm‑sa, a chionn 's gur ann le Crìosd a tha sibh, gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh nach caill e a dhuais.


“Ge b' e nach eil leamsa, tha e nam aghaidh, agus ge b' e nach cruinnich còmhla rium, tha e a' sgaoileadh.


“Chan urrainn do sheirbheiseach seirbheis a dhèanamh do dhà mhaighstir. Oir an dara cuid fuathaichidh e aon dhiubh agus bheir e gràdh dhan fhear eile, no bidh e dìleas do dh'aon dhiubh agus nì e tàir air an fhear eile. Chan eil sibh comasach air seirbheis a dhèanamh do Dhia agus do bheairteas.”


Mar sin tha mi ag iarraidh gun tuig sibh nach can duine sam bith a tha a' bruidhinn tro Spiorad Dhè, “Tha Ìosa mallaichte,” agus nach urrainn duine sam bith, “Is Ìosa an Tighearna,” a ràdh, ach, tron Spiorad Naomh.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan