Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 9:44 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

44 “Taisgibh nur cluasan na faclan seo: tha Mac an Duine gu bhith air a thoirt thairis do làmhan dhaoine.”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

44 Taisgibh na briathran seo nur cluasan: oir tha Mac an Duine gu bhith air a thoirt thairis do làmhan dhaoine.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

44 Taisgibh na briathran seo nur cluasan: oir tha Mac an Duine gu bhith air a thoirt thairis do làmhan dhaoine.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

44 Us ghabh iad uile iongantas á moralachd Dhe; ach nuair a bha iad uile lan ioghnaidh as na nichean uile, a rinn e, thuirt e ri dheisciopuil: Gleidhibh na briathran so ʼnur cridheachan: oir tachraidh, gun liubhrar Mac an duine do lamhan dhaoine.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 9:44
26 Iomraidhean Croise  

On àm sin thòisich Ìosa air sealltainn dha dheisciobail gum feumadh esan a dhol gu Ierusalem agus mòran rudan fhulang o na h‑èildearan, o na h‑àrd‑shagartan is o na sgrìobhaichean, agus a bhith air a chur gu bàs, agus air an treas latha a bhith air a thogail suas.


“Tha fios agaibh gu bheil a' Chàisg gu bhith ann às dèidh dà latha agus gum bi Mac an Duine air a bhrath airson a cheusadh.”


Agus thòisich e a' teagasg dhaibh gum feumadh Mac an Duine mòran rudan fhulang 's a bhith air a dhiùltadh le na h‑èildearan, na h‑àrd‑shagartan is na sgrìobhaichean, agus a bhith air a chur gu bàs agus às dèidh trì latha èirigh a‑rithist.


oir bha e a' teagasg a dheisciobal, ag ràdh riutha, “Tha Mac an Duine gus a bhith air a thoirt thairis do làmhan dhaoine, agus marbhaidh iad e. Agus às dèidh dhaibh a mharbhadh, às dèidh trì latha èiridh e a‑rithist.”


Agus iadsan uile a chuala iad, ghlèidh iad nan cridhe iad, ag ràdh, “Dè, ma‑thà, an seòrsa leanaibh a bhios an seo?” Oir bha làmh an Tighearna còmhla ris.


Thug e an dà fhear dheug gu aon taobh, agus thuirt e riutha, “Seallaibh, tha sinn a' dol suas gu Ierusalem, agus bidh a h‑uile rud a tha sgrìobhte leis na fàidhean mu Mhac an Duine air an coileanadh.


Ach ghlèidh Moire na rudan sin uile, a' meòrachadh orra na cridhe.


Agus chaidh e sìos còmhla riutha is thàinig e gu Nàsaret agus bha e umhail dhaibh. Ach ghlèidh a mhàthair na rudan sin uile na cridhe.


An uair sin thuirt e riutha, “Is iad seo m' fhaclan‑sa a thuirt mi ribh fhad 's a bha mi fhathast còmhla ribh, gum feumadh a h‑uile sìon a tha sgrìobhte mum dheidhinn‑sa ann an Lagh Mhaois is anns na Fàidhean is anns na Sailm a bhith air a choileanadh.”


Thuirt e, “Feumaidh Mac an Duine mòran fhulang 's a bhith air a dhiùltadh le na h‑èildearan, na h‑àrd‑shagartan is na sgrìobhaichean, agus a bhith air a chur gu bàs agus air a thogail suas air an treas latha.”


Fhreagair Ìosa iad, “A bheil sibh a‑nis a' creidsinn?


Ach tha mi air na rudan seo a ràdh ribh airson 's, nuair a thig an uair, gun cuimhnich sibh gun do dh'innis mi dhuibh iad. Cha tuirt mi na rudan seo ribh on toiseach, a chionn 's gun robh mi còmhla ribh.”


Fhreagair Ìosa, “Cha bhiodh ùghdarras sam bith idir agad thairis ormsa mura deigheadh a thoirt dhut on àirde. Mar sin, an neach a thug thairis mise dhut, tha am peacadh as motha aigesan.”


an t‑Ìosa seo, a chaidh a thoirt thairis le comhairle chinntich agus ro‑eòlas Dhè, ga cheusadh le làmhan dhaoine mì‑riaghailteach, mharbh sibh e.


Air an adhbhar sin, feumaidh sinn barrachd aire a thoirt dha na rudan a chuala sinn, air eagal 's gun èalaidh sinn air falbh.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan