Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 9:41 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

41 Fhreagair Ìosa, “O, a ghinealaich eas‑creidmheich agus fhiair, dè cho fada 's a bhios mi còmhla ribh 's gur fulang? Thoir do mhac an seo.”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

41 Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e, O ghinealaich mhì-chreidmhich agus fhiair, cia fhad a bhios mi maille ribh, agus a dh’fhuilingeas mi sibh? Thoir an seo do mhac.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

41 Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e, O ghinealaich mhì‐chreidmhich agus fhiair, cia fhad a bhios mi maille ribh, agus a dh’fhuilingeas mi sibh? Thoir an seo do mhac.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

41 Agus thuirt Iosa, ʼs e freagairt: O ghinealaich ana-chreidich agus choirbte, cia fhad a bhios mi maille ribh, ʼsa chuireas mi suas ribh? Thoir an so do mhac.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 9:41
31 Iomraidhean Croise  

Thigibh thugamsa, sibhse uile a tha ri saothair agus fo throm‑eallaich, agus bheir mise fois dhuibh.


Ach fhreagair esan, ag ràdh, “Tha ginealach olc is adhaltranach a' sireadh comharraidh, ach cha tèid comharra sam bith a thoirt dhaibh ach comharra an fhàidh Iònah.


An uair sin falbhaidh e agus bheir e leis seachd spioradan eile nas uilce na e fhèin, is thèid iad a‑steach agus fanaidh iad an sin, is bidh staid dheireannach an duine sin nas miosa na a chiad staid. Is ann mar sin cuideachd a bhitheas leis a' ghinealach olc seo.”


Tha ginealach olc agus adhaltranach ag iarraidh comharraidh, ach cha tèid comharra a thoirt dha, ach comharra Iònah.” Agus dh'fhàg e iad, agus chaidh e air falbh.


Agus fhreagair Ìosa, “O, a ghinealaich eas‑creidmheich agus chlaoin, dè cho fada 's a bhios mi còmhla ribh? Dè cho fada 's a dh'fhuilingeas mi sibh? Thugaibh an seo thugamsa e.”


Gu fìrinneach, tha mi ag ràdh ribh, thig na rudan seo uile air a' ghinealach seo.


Ach nuair a chunnaic e mòran dhe na Pharasaich agus dhe na Sadusaich a' tighinn airson baisteadh, thuirt e riutha, “A shìol nan nathraichean nimhe, cò a thug rabhadh dhuibhse teicheadh on chorraich a tha ri thighinn?


Ach nuair a chunnaic Ìosa seo bha e diombach agus thuirt e riutha, “Leigibh le na leanabanan tighinn thugamsa; na cuiribh bacadh orra, oir is ann dhen leithidean seo a tha rìoghachd Dhè.


Stad Ìosa agus thuirt e, “Èighibh air!” Agus dh'èigh iad air an duine dhall, ag ràdh ris, “Biodh misneachd agad! Èirich! Tha e ag èigheach ort!”


Agus fhreagair esan iad, “O a ghinealaich eas‑creidmhich, dè cho fada 's a bhios mi còmhla ribh? Dè cho fada 's a dh'fhuilingeas mi sibh? Thugaibh thugamsa e.”


Thuirt e riutha, “Càit a bheil ur creideamh?” Agus bha iad fo eagal, is ghabh iad iongnadh, ag ràdh ri chèile, “Cò mar sin a tha seo, 's gu bheil e fiù 's a' toirt àithne dha na gaothan 's dhan uisge, agus tha iad umhail dha.”


Agus ghuidh mi air do dheisciobail a thilgeil a‑mach, ach cha robh e an comas dhaibh.”


Fhad 's a bha e a' tighinn air adhart, thilg an deamhan sìos e, agus chrath e e. Ach chronaich Ìosa an spiorad neòghlan, agus leighis e an leanabh agus thug e air ais dha athair e.


Thuirt Ìosa ris, “A bheil mise air a bhith ùine cho fada còmhla ribh, agus nach aithne dhut fhathast mi, Philip? An neach a chunnaic mise, chunnaic e an t‑Athair. Ciamar as urrainn dhut a ràdh, ‘Foillsich an t‑Athair dhuinne’?


An uair sin thuirt e ri Tòmas, “Cuir do chorrag an seo, agus seall air mo làmhan. Sìn do làmh a‑mach an seo agus cuir nam chliathaich i. Na bi mì‑chreidmheach ach creidmheach.”


Agus airson mu cheathrad bliadhna chuir e suas leotha san fhàsach.


Agus le mòran bhriathran eile thug e fianais agus chùm e air gan earalachadh, ag ràdh, “Sàbhailibh sib' fhèin on ghinealach choirbte seo.”


No a bheil thu a' gabhail ort fhèin saidhbhreas a' choibhneis 's an fhad‑fhulangais 's an fhoighidinn aige a chur an dìmeas, gun fhios agad gu bheil coibhneas Dhè gad threòrachadh‑sa gu aithreachas?


Agus tha sinn a' faicinn nach b' urrainn dhaibh a dhol a‑steach air sgàth eas‑creideimh.


Feuchamaid ma‑thà air a dhol a‑steach dhan fhois sin air eagal 's gun tuit fear sam bith a rèir an aon seòrsa eiseimpleir de dh'eas‑ùmhlachd.


Oir, gu deimhinn, chaidh an soisgeul a shearmonachadh dhuinne, dìreach mar a chaidh dhaibhsan, ach cha robh am facal a chuala iadsan gu buannachd dhaibh, o nach robh e air aonadh le creideamh anns an fheadhainn a chuala e.


Agus mar sin, tha esan comasach air iadsan a thig gu Dia troimhesan a shàbhaladh gu h‑iomlan, oir tha e beò gu sìorraidh airson guidhe air an son.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan