Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 9:2 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

2 is chuir e a‑mach iad a shearmonachadh rìoghachd Dhè, agus a shlànachadh euslainteach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

2 Agus chuir e a‑mach iad a shearmonachadh rìoghachd Dhè, agus a shlànachadh nan easlan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

2 Agus chuir e a‑mach iad a shearmonachadh rìoghachd Dhè, agus a shlànachadh nan easlan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Laoidhean o na Sgriobtaran Naomha 1987

2 Tha 'n Spiorad dhòirteadh air gu pailt, ri fhaicinn anns gach nì: Tha gliocas, cumhachd, eud, is gràdh, deàlrach na uile ghnìomh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

2 Agus chuir e iad a theagasg rioghachd Dhe, ʼsa leigheas dhaoine tinne.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 9:2
14 Iomraidhean Croise  

Chuir Ìosa a‑mach an dà fhear dheug seo, ag àithne dhaibh, “Na rachaibh gu slighe nan Cinneach agus na rachaibh a‑steach do bhaile Shamaritanach,


A h‑uile neach a chluinneas facal na rìoghachd agus nach tuig e, tha an droch fhear a' tighinn agus a toirt air falbh na chaidh a chur na chridhe; is e seo an sìol a chaidh a chur ri taobh an rathaid.


Agus bidh an soisgeul seo aig an rìoghachd air a shearmonachadh air feadh an t‑saoghail gu lèir, mar fhianais dha na nàiseanan uile, agus an uair sin thig an deireadh.


ag ràdh, “Dèanaibh aithreachas, oir tha rìoghachd nèimh faisg air làimh.”


Agus thuirt e riutha, “Thallaibh air feadh an t‑saoghail gu lèir agus searmonaichibh an soisgeul dhan chruthachadh gu lèir.


Chaidh iad a‑mach agus shearmonaich iad gum bu chòir do dhaoine aithreachas a dhèanamh.


Às dèidh seo shuidhich an Tighearna seachdad [is dithis] neach eile agus chuir e iad air thoiseach air, dithis is dithis, dha gach baile is àite a bha e fhèin gus a dhol thuige.


‘Fiù 's dust ur baile a leanas ri ar casan tha sinn a' suathadh dhinn nur n‑aghaidh‑se. A dh'aindeoin sin, biodh fios agaibh gu bheil rìoghachd Dhè air tighinn faisg oirbh.’


Leighisibh an fheadhainn a tha tinn ann, agus canaibh riutha, ‘Tha rìoghachd Dhè air tighinn faisg oirbh.’


“Bha an Lagh agus na Fàidhean ann gu àm Eòin. On àm sin tha Deagh Sgeul rìoghachd Dhè air a shearmonachadh agus tha gach neach a' dol a‑steach innte le dian‑strì.


Nuair a thuig an sluagh mu dheidhinn, lean iad e. Chuir e fàilte orra agus bhruidhinn e riutha mu rìoghachd Dhè agus leighis e iadsan aig an robh feum air leigheas.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan