Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 9:16 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

16 Agus a' gabhail nan còig lofaichean agus an dà iasg, sheall e suas gu nèamh, bheannaich e 's bhris e iad, agus thug e iad dha na deisciobail airson an cur mu choinneamh an t‑sluaigh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

16 Agus ghabh e na còig buileannan agus an dà iasg, agus air dha amharc suas gu nèamh, bheannaich e iad, agus bhris e, agus thug e da dheisciobail iad gu an cur an làthair an t‑sluaigh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

16 Agus ghabh e na còig buileannan agus an dà iasg, agus air dha amharc suas gu nèamh, bheannaich e iad, agus bhris e, agus thug e da dheisciobail iad gu an cur an làthair an t‑sluaigh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

16 Agus ghlac e na coig builionnan ʼs an dà iasg, ʼsa sealltuinn suas gu neamh bheannaich e iad: agus bhrist e, us thug e dha dheisciopuil iad, gus an cur air bialaobh an t-sluaigh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 9:16
16 Iomraidhean Croise  

Agus dh'àithn e dhan t‑sluagh suidhe sìos air an fheur, agus a' gabhail nan còig lofaichean agus an dà iasg, sheall e suas gu nèamh, bheannaich e 's bhris e na lofaichean agus thug e iad dha na deisciobail, agus thug na deisciobail dhan t‑sluagh iad.


ghabh e na seachd lofaichean agus na h‑èisg, agus às dèidh dha taing a thoirt, bhris e iad, agus thug e dha na deisciobail iad, agus thug na deisciobail dhan t‑sluagh iad.


Agus a' coimhead suas gu nèamh rinn e osna agus thuirt e ris, “Ephphata!” (a tha a' ciallachadh, “Bi air d' fhosgladh!”).


Nuair a ghabh e thuige aran agus a thug e taing, bhris e e agus thug e dhaibhsan e, ag ràdh, “Is e seo mo chorp‑sa, a tha air a thoirt air ur son‑se; dèanaibh seo mar chuimhneachan ormsa.”


Nuair a shuidh e aig a' bhòrd còmhla riutha, ghlac e an t‑aran, bheannaich e, bhris e agus thug e dhaibh e.


Rinn iad mar sin; thug iad orra uile suidhe sìos.


Dh'ith iad uile agus bha iad air an sàsachadh. Agus chaidh na bha a chòrr a chruinneachadh, dà bhasgaid dheug de chriomagan.


Ghabh Ìosa na lofaichean, agus nuair a rinn e altachadh, roinn e iad air a' mhuinntir a bha nan suidhe. Rinn e an aon rud leis na h‑èisg – na h‑uimhir is a bu mhiann leotha.


Thàinig eathraichean beaga eile o Thiberias faisg air an àite sin anns an do dh'ith iad an t‑aran, às dèidh dhan Tighearna altachadh a dhèanamh.


Agus nuair a bha e air na rudan seo a ràdh, ghlac e aran, agus a' toirt taing do Dhia mun coinneamh gu lèir bhris e e agus thòisich e air ithe.


Tha an neach a chumas an latha ga chumail dhan Tighearna. Tha an neach a dh'itheas ag ithe dhan Tighearna, on a tha e a' toirt taing do Dhia, agus an neach nach ith, chan eil e ag ithe dhan Tighearna, agus tha e a' toirt taing do Dhia.


Ma tha mise a' compàirteachadh le taingealachd, carson a tha mi air mo chàineadh air sgàth an rud sin a thug mi taing air a shon?


agus nuair a bha e air taing a thoirt, bhrist e e, agus thuirt e, “Is e seo mo chorp‑sa, a th' air ur son‑se; dèanaibh seo mar chuimhneachan ormsa.”


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan