Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 9:12 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

12 Ach bha an latha a' tighinn gu crìch, is thàinig an dà fhear dheug agus thuirt iad ris, “Cuir an sluagh air falbh airson 's gun tèid iad dha na bailtean mun cuairt, gus am faigh iad aoigheachd agus biadh, oir tha sinn an seo ann an àite fàsail.”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

12 Agus nuair a thòisich an là air teireachdainn, thàinig an dà‑fhear-dheug, agus thubhairt iad ris, Cuir air falbh an sluagh, a‑chum gun tèid iad do na bailtean agus don tìr mun cuairt, agus gun gabh iad tàmh agus gum faigh iad biadh; oir tha sinn an seo ann an àite fàsail.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

12 Agus nuair a thòisich an là air teireachdainn, thàinig an dà‑fhear‐dheug, agus thubhairt iad ris, Cuir air falbh an sluagh, a‑chum gun tèid iad do na bailtean agus don tìr mun cuairt, agus gun gabh iad tàmh agus gum faigh iad biadh; oir tha sinn an seo ann an àite fàsail.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

12 Ach thòisich an latha air tarruinn gu deireadh. Agus thainig na dhà-dhiag, us thuirt iad ris: Cuir an sluagh air falbh, los, a siubhal do na bailtean agus do ʼn duthaich mun cuairt, gum faigh iad fardach agus biadh: oir tha sinn an so an aite fàs.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 9:12
13 Iomraidhean Croise  

A‑nis nuair a chuala Ìosa seo, tharraing e air ais à sin ann an eathar gu àite fàsail leis fhèin. Ach nuair a chuala an sluagh sin, lean iad air chois e o na bailtean.


Ach cha do fhreagair e facal dhi. Agus thàinig a dheisciobail thuige agus ghuidh iad air, ag ràdh, “Cuir air falbh i, oir tha i ag èigheach às ar dèidh.”


An uair sin ghairm Ìosa a dheisciobail thuige, agus thuirt e, “Tha truas agam ris an t‑sluagh a chionn 's gu bheil iad air a bhith còmhla rium a‑nis trì latha agus nach eil sìon aca ri ithe. Agus chan eil mi ag iarraidh an cur air falbh acrach, air eagal 's gum faodadh iad fannachadh air an t‑slighe.”


Nuair a thuig an sluagh mu dheidhinn, lean iad e. Chuir e fàilte orra agus bhruidhinn e riutha mu rìoghachd Dhè agus leighis e iadsan aig an robh feum air leigheas.


Ach thuirt esan riutha, “Thugaibhse dhaibh rudeigin a dh'itheas iad.” Thuirt iadsan, “Chan eil barrachd againn air còig lofaichean agus dà iasg – mura tèid sinn is gun ceannaich sinn biadh airson an t‑sluaigh seo gu lèir.”


Às dèidh seo dh'fhalbh Ìosa gu taobh thall Muir Ghalile (is e sin Muir Thiberiais),


Oir tha fios agam gun obraich seo airson mo shaoraidh tro na h‑ùrnaighean agaibhse agus tro chuideachadh Spiorad Ìosa Crìosd,


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan