Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 9:11 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

11 Nuair a thuig an sluagh mu dheidhinn, lean iad e. Chuir e fàilte orra agus bhruidhinn e riutha mu rìoghachd Dhè agus leighis e iadsan aig an robh feum air leigheas.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

11 Agus nuair a fhuair an sluagh fios air, lean iad e: agus ghabh e da ionnsaigh iad, agus labhair e riu mu thimcheall rìoghachd Dhè, agus leighis e iadsan aig an robh feum air leigheas.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

11 Agus nuair a fhuair an sluagh fios air, lean iad e: agus ghabh e da ionnsaigh iad, agus labhair e riu mu thimcheall rìoghachd Dhè, agus leighis e iadsan aig an robh feum air leigheas.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

11 Nuair thuig an sluagh so, lean iad e; agus ghabh e riu, us labhair e riu mu rioghachd Dhe, agus leighis e iadsan, a bha am feum leighis.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 9:11
21 Iomraidhean Croise  

Ach, mothachail mun seo, tharraing Ìosa air ais à sin. Lean mòran e agus leighis e iad uile,


Agus nuair a chaidh e air tìr chunnaic e sluagh mòr, agus bha truas aige dhaibh, agus shlànaich e an fheadhainn aca a bha tinn.


“Cò dhen dithis a rinn toil athar?” Thuirt iadsan, “A' chiad fhear.” Thuirt Ìosa riutha, “Gu fìrinneach, tha mise ag ràdh ribh, tha na cìs‑mhaoir agus na siùrsaichean a' dol a‑steach do rìoghachd Dhè romhaibhse.


“Mar sin, tha mi ag ràdh ribh gun tèid rìoghachd Dhè a thoirt uaibhse, agus gun tèid a toirt do shluagh a bheir a‑mach a toradh.


Lìon e an fheadhainn a bha acrach le rudan matha; agus na daoine saidhbhir chuir e air falbh falamh.


Agus fhreagair Ìosa iad, “Chan iadsan a tha slàn aig a bheil feum air lighiche, ach iadsan a tha tinn.


Às dèidh sin shiubhail e air adhart tro gach baile mòr is gach baile beag a' searmonachadh agus ag aithris deagh sgeul rìoghachd Dhè. Agus bha an dà fhear dheug còmhla ris,


Thuirt e, “Chaidh a thoirt dhuibhse eòlas a bhith agaibh air dìomhaireachdan rìoghachd Dhè, ach dhan a' chòrr tha iad sin ann an cosamhlachdan, airson 's, ‘a' faicinn, nach fhaiceadh iad; agus a' cluinntinn, nach tuigeadh iad.’


Agus nuair a thill na h‑abstoil, dh'innis iad dha na bha iad air a dhèanamh. Thug e leis iad agus chaidh e air leth dhan bhaile ris an canar Betsaida.


Ach bha an latha a' tighinn gu crìch, is thàinig an dà fhear dheug agus thuirt iad ris, “Cuir an sluagh air falbh airson 's gun tèid iad dha na bailtean mun cuairt, gus am faigh iad aoigheachd agus biadh, oir tha sinn an seo ann an àite fàsail.”


is chuir e a‑mach iad a shearmonachadh rìoghachd Dhè, agus a shlànachadh euslainteach.


Thuirt Ìosa riutha, “Is e mo bhiadh‑sa toil an aoin a chuir a‑mach mi a dhèanamh, agus an obair aigesan a chrìochnachadh.


Gach neach a bheir an t‑Athair dhòmhsa, thig e thugam, agus an neach a thig thugam, cha tilg mi air adhbhar sam bith a‑mach.


a' searmonachadh rìoghachd Dhè agus a' teagasg mun Tighearna Ìosa Crìosd le làn‑dhànachd is gun bhacadh.


Ach ciamar a ghairmeas iad airsan anns nach do chreid iad? Agus ciamar a chreideas iad annsan mu nach cuala iad? Agus ciamar a chluinneas iad gun shearmonaiche?


Mar sin tha creideamh a' tighinn o èisteachd, agus èisteachd tro fhacal Chrìosd.


Oir cha do thoilich fiù 's Crìosd e fhèin, ach mar a tha e sgrìobhte, “Na dìmeasan acasan a thug dìmeas dhutsa, thuit iad ormsa.”


searmonaich am facal, bi deiseil nuair a tha e goireasach 's nuair nach eil e goireasach, thoir am follais, cronaich, misnich, leis a h‑uile fhad‑fhulangas is theagasg.


Bu chòir dhuinn tighinn ma‑thà le dànachd gu rìgh‑chathair nan gràs, airson 's gun tèid tròcair a thoirt dhuinn agus gum faigh sinn gràs airson cuideachaidh tràthail.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan