Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 9:1 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

1 Ghairm Ìosa còmhla an dà fhear dheug agus thug e cumhachd is ùghdarras dhaibh thairis air a h‑uile deamhan agus airson tinneasan a leigheas,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Agus ghairm e an dà‑fhear-dheug an ceann a chèile, agus thug e cumhachd agus ùghdarras dhaibh air na h‑uile dheamhain, agus a‑chum easlaintean a leigheas.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

1 Agus ghairm e an dà‑fhear‐dheug an ceann a chèile, agus thug e cumhachd agus ùghdarras dhaibh air na h‑uile dheamhain, agus a‑chum easlaintean a leigheas.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Laoidhean o na Sgriobtaran Naomha 1987

1 Cluinnibh sgeul ait; Tha Ìos' air teachd ri 'n robh o shean ar dùil! Lìonar gach cridh le gàirdeachas, seinnear gu bràth a chliù.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

1 An sin a gairm ri cheile an dà ostal dhiag, thug e cumhachd agus ughdaras dhaibh thairis air na deomhain gu leir, us air easlaintean a leigheas.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 9:1
15 Iomraidhean Croise  

Bheir mi dhut iuchraichean rìoghachd nèimh; agus ge b' e dè a cheanglas tusa air thalamh, bidh e ceangailte air nèamh, agus ge b' e dè a dh'fhuasglas tusa air thalamh, bidh e fuasgailte air nèamh.”


Mar sin chaidh a chliù air feadh Shiria gu lèir, agus thug iad thuige iadsan uile a bha tinn, iadsan a bha a' fulang diofar bhochdainnean is phiantan, iadsan a bha fo chumhachd dheamhan, tuiteamaich agus luchd‑pairilis, agus shlànaich e iad.


Oir is e duine a th' annamsa cuideachd a tha fo ùghdarras, le saighdearan fodham. Agus canaidh mi ris an fhear seo, ‘Thalla,’ agus falbhaidh e, agus ri fear eile, ‘Thig,’ agus thig e, agus rim sheirbheiseach, ‘Dèan seo,’ agus nì e e.”


Às dèidh seo shuidhich an Tighearna seachdad [is dithis] neach eile agus chuir e iad air thoiseach air, dithis is dithis, dha gach baile is àite a bha e fhèin gus a dhol thuige.


Tha mi a' toirt cumhachd dhuibh airson saltairt air nathraichean is sgorpionan is air cumhachd an nàmhaid gu lèir, agus cha dèan nì sam bith cron idir oirbh.


Gu deimhinn, deimhinn tha mi ag ràdh ribh, ge b' e cò a chreideas annamsa, nì esan cuideachd na h‑obraichean a tha mise a' dèanamh. Agus nì e obraichean nas motha na iad seo, a chionn 's gu bheil mise a' dol chun an Athar.


Ach gheibh sibh cumhachd nuair a thig an Spiorad Naomh oirbh, agus bidh sibh nur fianaisean dhòmhsa ann an Ierusalem agus ann an Iudèa gu lèir agus ann an Samaria, agus gu crìoch na talmhainn.”


Agus tro chreideamh na ainm – ann an ainm Ìosa – neartaich e an duine seo a tha sibhse a' faicinn agus as aithne dhuibh, agus tha an creideamh a tha tro Ìosa air an t‑slàinte choileanta seo a thoirt dha nur làthair‑se uile.


fhad 's a shìneas tu a‑mach do làmh airson leigheas, agus a tha comharraidhean is iongantasan air an dèanamh trod sheirbheiseach naomh Ìosa.”


Agus thuirt Peadar ris, “Eneais, tha Ìosa Crìosd gad leigheas. Èirich is càirich do leabaidh.” Agus sa bhad dh'èirich e.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan