Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 8:8 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

8 Agus thuit cuid eile air talamh math, agus dh'fhàs e, agus thug e toradh a‑mach, a cheud uiread.” A' cantainn nan rudan seo, dh'èigh e, “Ge b' e cò aig a bheil cluasan airson cluinntinn, cluinneadh e.”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

8 Agus thuit cuid eile air talamh math, agus dh’fhàs e suas, agus thug e toradh uaithe, a cheud uiread is a chuireadh. Agus air dha na nithean sin a ràdh, ghlaodh e, Ge bè aig a bheil cluasan a‑chum èisdeachd, èisdeadh e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

8 Agus thuit cuid eile air talamh math, agus dh’fhàs e suas, agus thug e toradh uaithe, a cheud uiread is a chuireadh. Agus air dha na nithean sin a ràdh, ghlaodh e, Ge bè aig a bheil cluasan a‑chum èisdeachd, èisdeadh e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

8 Agus thuit cuid eile air talamh math; ʼs air dha fàs, thug e mach toradh ciad-fillte. ʼS nuair a labhair e na nichean so, dhʼeigh e: Am fear aig a bheil cluasan gu cluinntinn, cluinneadh e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 8:8
25 Iomraidhean Croise  

An neach aig a bheil cluasan, èisteadh e.


An sìol a chaidh a chur ann an deagh thalamh, is e sin an neach a chluinneas am facal agus a thuigeas e. Tha esan dha‑rìribh a' giùlain toraidh agus a' toirt a‑mach a cheud, a sheasgad agus a thrithead uiread.”


Ach is iadsan a chaidh a chur ann an talamh math an fheadhainn a chluinneas am facal agus a ghabhas e is a bheir a‑mach toradh – a thrithead, a sheasgad agus a cheud uiread.”


Ma tha cluasan airson èisteachd aig neach sam bith, èisteadh e.”


Agus thuit cuid eile air talamh math is thug e toradh a‑mach, a' fàs suas agus a' meudachadh, is ghiùlain e a thrithead, a sheasgad 's a cheud uiread.”


An neach aig a bheil cluasan, èisteadh e.”


Chan eil e gu feum sam bith dhan talamh no dhan dùn inneir; tha e air a thilgeil a‑mach. “Esan aig a bheil cluasan airson cluinntinn, cluinneadh e!”


Agus a thaobh an t‑sìl a thuit air an talamh mhath, is iadsan an fheadhainn, às dèidh dhaibh am facal a chluinntinn, a tha ga chumail nan cridhe onarach agus math, agus a bheir a‑mach toradh le foighidinn.


Thuit cuid eile am measg dhroigheann, agus dh'fhàs na droighinn còmhla ris, agus thachd iad e.


Oir is sinne obair‑san, air ar cruthachadh ann an Crìosd Ìosa airson deagh obraichean, a dh'ullaich Dia ro‑làimh, airson 's gun coisicheamaid annta.


airson 's gun coisich sibh ann an dòigh a tha iomchaidh air an Tighearna, gus a thoileachadh sa h‑uile dòigh, a' toirt a‑mach toraidh sa h‑uile deagh obair 's a' fàs ann an eòlas Dhè,


Ma tha cluas aig neach sam bith, èisteadh e.


Esan aig a bheil cluas, cluinneadh e dè a tha an Spiorad ag ràdh ris na h‑eaglaisean. Dhàsan a bhuadhaicheas, cha tèid a leòn idir leis an dara bàs.


Esan aig a bheil cluas, cluinneadh e dè a tha an Spiorad ag ràdh ris na h‑eaglaisean. Dhàsan a bhuadhaicheas bheir mi cead ithe de chraoibh na beatha, a tha ann am Pàrras Dhè.


Esan aig a bheil cluas, cluinneadh e dè a tha an Spiorad ag ràdh ris na h‑eaglaisean.


Esan aig a bheil cluas, cluinneadh e dè a tha an Spiorad ag ràdh ris na h‑eaglaisean.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan