Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 8:54 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

54 Ach, ga gabhail mun làimh, dh'èigh e, ag ràdh, “A nighean, èirich!”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

54 Agus air dha an cur a‑mach uile, ghlac e air làimh i, agus ghlaodh e, ag ràdh, A nighean, èirich.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

54 Agus air dha an cur a‑mach uile, ghlac e air làimh i, agus ghlaodh e, ag ràdh, A nighean, èirich.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

54 Ach esan a breith air laimh oirre, dhʼeigh e, a g-radh: A chaileag, eirich.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 8:54
15 Iomraidhean Croise  

Ach nuair a chaidh an sluagh a chur a‑mach, chaidh e a‑steach is rug e air làimh oirre, agus dh'èirich a' chaileag.


Agus thàinig esan agus rug e air làimh oirre agus thog e suas i. An uair sin dh'fhàg am fiabhras i, agus fhritheil i dhaibh.


Agus rug e air làimh air an duine dhall agus threòraich e a‑mach às a bhaile e, agus às dèidh dha smugaid a chur air a shùilean agus a làmhan a chur air, dh'fhaighnich e dha, “A bheil thu a' faicinn sìon?”


Ach ghabh Ìosa grèim air làimh air agus thog e suas e, agus sheas e.


Nuair a ràinig e an taigh, cha do leig e le neach sam bith a dhol a‑steach còmhla ris ach Peadar, Eòin, Seumas agus athair is màthair an leanaibh.


Agus rinn iadsan gàire magaidh air, a chionn 's gun robh fios aca gun robh i marbh.


Agus thill an spiorad aice, agus dh'èirich i sa bhad, is dh'òrdaich e dhaibh biadh a thoirt dhi.


Nuair a bha e air na rudan seo a ràdh, dh'èigh e le guth mòr, “A Làsarais, thig a‑mach!”


Oir mar a thogas an t‑Athair na mairbh agus a bheothaicheas e iad, mar sin beothaichidh am Mac cuideachd na thogras e.


Ach chuir Peadar iad uile a‑mach, agus chaidh e air a ghlùinean is rinn e ùrnaigh; agus a' tionndadh chun a' chuirp, thuirt e, “A Thabita, èirich.” Agus dh'fhosgail i a sùilean is nuair a chunnaic i Peadar shuidh i suas.


mar a tha e sgrìobhte: “Tha mi air do dhèanamh nad athair do mhòran nàiseanan” – ann an làthaireachd an Dè san do chreid e, a tha a' toirt beatha dha na mairbh agus a' gairm gu bith, na rudan nach eil ann.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan