Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 8:52 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

52 Agus bha iad uile a' caoineadh agus a' caoidh air a son, ach thuirt esan, “Na caoinibh: cha do bhàsaich i; tha i na cadal.”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

52 Agus bha iad uile a’ gul, agus a’ dèanamh caoidh air a son: ach thubhairt esan, Na guilibh; chan eil i marbh, ach na cadal.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

52 Agus bha iad uile a’ gul, agus a’ dèanamh caoidh air a son: ach thubhairt esan, Na guilibh; chan eil i marbh, ach na cadal.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

52 Us bha iad uile a gal ʼsa caoineadh air a son. Ach thuirt esan: Na bithibh a gal, cha n-eil a chaileag marbh, ach ʼna cadal.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 8:52
14 Iomraidhean Croise  

“‘Chluich sinn an duiseal dhuibhse, agus cha do rinn sibhse dannsa; sheinn sinn tuireadh dhuibhse, agus cha do rinn sibhse caoidh.’


Agus lean buidheann mhòr e dhen t‑sluagh agus de bhoireannaich a bha cuideachd ri bròn agus a' caoineadh air a shon.


Nuair a chunnaic an sluagh uile a bh' air cruinneachadh airson an t‑seallaidh sin na rudan a chaidh a dhèanamh, thill iad air ais dhachaigh a' bualadh an cuim.


Nuair a ràinig e an taigh, cha do leig e le neach sam bith a dhol a‑steach còmhla ris ach Peadar, Eòin, Seumas agus athair is màthair an leanaibh.


Agus rinn iadsan gàire magaidh air, a chionn 's gun robh fios aca gun robh i marbh.


Ach nuair a chuala Ìosa seo, thuirt e, “Chan ann gu bàs a thig an tinneas seo, ach gu glòir Dhè, airson 's gum bi Mac Dhè air a ghlòrachadh troimhe.”


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan