Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 8:5 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

5 “Chaidh fear‑cuir sìl a‑mach a chur. Agus fhad 's a bha e a' cur, thuit cuid ri taobh an rathaid agus chaidh stampadh air, agus dh'ith eòin an adhair e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

5 Chaidh fear-cuir a‑mach a chur a shìl: agus a’ cur dha, thuit cuid ri taobh an rathaid; agus shaltradh sìos e, agus dh’ith eunlaith an adhair suas e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

5 Chaidh fear‐cuir a‑mach a chur a shìl: agus a’ cur dha, thuit cuid ri taobh an rathaid; agus shaltradh sìos e, agus dh’ith eunlaith an adhair suas e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

5 Chaidh fear-cuir a mach a chur a shìl; ʼs nuair bha e cur, thuit cuid ri taobh an rathaid, agus shaltradh sios e, us dhʼich ianlaith an athair e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 8:5
15 Iomraidhean Croise  

Agus fhreagair esan, “Am fear a chuireas an sìol math, is esan Mac an Duine.


“Is sibhse salann na talmhainn, ach ma tha an salann air a bhlas a chall, ciamar a thèid a dhèanamh saillte a‑rithist? Chan eil e feumail tuilleadh airson rud sam bith, ach airson a bhith air a thilgeil a‑mach agus air a shaltairt fo chasan dhaoine.


Is iad seo an fheadhainn ri taobh an rathaid, far a bheil am facal air a chur: nuair a chluinneas iad, tha an Sàtan a' tighinn sa bhad agus a' toirt air falbh an fhacail a chaidh a chur annta.


Agus nuair a bha sluagh mòr a' cruinneachadh, is a thàinig iad às gach baile thuige, thuirt e ann an cosamhlachd:


Thuit cuid air creig, agus nuair a bha e air fàs, shearg e, air sgàth 's nach robh fliuichead aige.


Air an adhbhar sin, feumaidh sinn barrachd aire a thoirt dha na rudan a chuala sinn, air eagal 's gun èalaidh sinn air falbh.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan