Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 8:41 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

41 Agus thàinig duine leis an ainm Iàirus, a bha na riaghladair air an t‑sionagog. Agus a' tuiteam aig casan Ìosa, ghuidh e air gun tigeadh e dhan taigh aige,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

41 Agus, feuch, thàinig duine dom b’ainm Iàirus, a bha na uachdaran air an t‑sionagog; agus thuit e aig casan Iosa, agus ghuidh e air gun tigeadh e da thaigh:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

41 Agus, feuch, thàinig duine dom b’ainm Iàirus, a bha na uachdaran air an t‑sionagog; agus thuit e aig casan Iosa, agus ghuidh e air gun tigeadh e da thaigh:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

41 Agus, seall, thainig duine, dha ʼm bʼainm Iairus, agus bha e ʼna riaghladair air an t-sinagog; us thuit e aig casan Iosa, a guidhe air, e thighinn gu thigh:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 8:41
15 Iomraidhean Croise  

Ach, làn feirge a chionn 's gun do rinn Ìosa leigheas air an t‑Sàbaid, thuirt riaghladair an t‑sionagoig ris an t‑sluagh, “Tha sia latha ann anns am bu chòir obair a bhith air a dèanamh. Mar sin thigibh agus bithibh air ur leigheas air na làithean sin, ach chan ann air latha na Sàbaid.”


agus thuit e air aghaidh aig casan Ìosa, a' toirt taing dha – agus b' e Samaritanach a bh' ann.


Nuair a chunnaic Sìmon Peadar seo, thuit e sìos aig glùinean Ìosa, ag ràdh, “Theirig air falbh uamsa, a Thighearna, oir is e duine peacach a th' annam.”


oir bha an aon nighean a bh' aige, a bha mu dhà bhliadhna dheug, a' bàsachadh. Fhad 's a bha e air a shlighe, bha an sluagh ga bhruthadh.


Fhad 's a bha e fhathast a' bruidhinn, thàinig neach o thaigh riaghladair an t‑sionagoig, ag ràdh, “Tha do nighean marbh; na cuir dragh air an Fhear‑Teagaisg tuilleadh.”


Thuirt Marta ri Ìosa, “A Thighearna, nan robh thusa air a bhith an seo, cha robh mo bhràthair air bàsachadh.


Às dèidh leughadh on Lagh agus o na Fàidhean, chuir riaghladairean an t‑sionagoig fios thuca, ag ràdh, “A bhràithrean, ma tha facal earalachaidh agaibh dhan t‑sluagh, canaibh e.”


Agus rug iad uile air Sostenes, riaghladair an t‑sionagoig, agus ghabh iad dha mu choinneamh cathair a' bhreitheanais. Ach cha robh cùram air Galio mu ghin dhe na rudan sin.


Chreid Crispus, riaghladair an t‑sionagoig, anns an Tighearna, còmhla ri theaghlach gu lèir. Agus ga chluinntinn chreid mòran dhe na Corintianaich, agus bha iad air am baisteadh.


Bhon a bha Lida faisg air Iopa, chuir na deisciobail – a' cluinntinn gun robh Peadar an sin – dithis fhear thuige, a' guidhe air, “Thig thugainn gun dàil!”


Agus nuair a thug e uaithe an rolla, thuit na ceithir creutairean beòtha agus na fichead 's a ceithir èildear mu choinneamh an Uain; agus bha clàrsach agus bobhlaichean òir, a bha làn tùise, aig gach fear dhiubh; is e sin ùrnaighean nan naomh.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan