Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 8:18 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

18 Mar sin thoiribh an aire ciamar a dh'èisteas sibh, oir ge b' e neach aig a bheil, thèid toirt dha, agus ge b' e neach aig nach eil, thèid fiù 's an rud sin a shaoileas e a th' aige a thoirt uaithe.”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

18 Air an adhbhar sin thugaibh fa‑near cionnas a dh’èisdeas sibh: oir ge bè neach aig a bheil, bheirear dha; agus ge bè neach aig nach eil, bheirear uaithe eadhon an nì sin a shaoilear a bhith aige.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

18 Air an adhbhar sin thugaibh fa‑near cionnas a dh’èisdeas sibh: oir ge bè neach aig a bheil, bheirear dha; agus ge bè neach aig nach eil, bheirear uaithe eadhon an nì sin a shaoilear a bhith aige.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

18 Thugaibh an aire ma ta ciamar a chluinneas sibh. Oir h-uile fear aig a bheil, bheirear dha, ʼs am fear aig nach eil, bheirear bhuaithe an ni fhein, a tha e saoilsinn a thʼ aige.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 8:18
25 Iomraidhean Croise  

Oir dhan neach aig a bheil, dhàsan thèid barrachd a thoirt, agus bidh am pailteas aige, ach uaithesan aig nach eil, thèid fiù 's na th' aige a thoirt uaithe.


“Tha mi ag ràdh ribh, ‘A h‑uile neach aig a bheil gun tèid barrachd a thoirt dha, ach on neach aig nach eil gun tèid fiù 's na th' aige a thoirt air falbh.


Oir dhan a h‑uile neach aig a bheil thèid barrachd a thoirt, agus bidh pailteas aige. Ach uaitheasan aig nach eil thèid fiù 's na tha aige a thoirt uaithe.


Bheir e air falbh a h‑uile geug annamsa nach eil a' giùlain toraidh, agus gach uile gheug a tha a' giùlain toraidh, gearraidh e air ais i, airson 's gun giùlain i barrachd toraidh.


Air an adhbhar sin, feumaidh sinn barrachd aire a thoirt dha na rudan a chuala sinn, air eagal 's gun èalaidh sinn air falbh.


Ma shaoileas neach sam bith gur e fàidh no duine spioradail a th' ann, bu chòir dha na rudan a tha mise a' sgrìobhadh thugaibh aithneachadh, gur iad àithne an Tighearna.


Ma tha neach sam bith a' saoilsinn gur aithne dha rud sam bith, chan aithne dha fhathast mar bu chòir dha aithneachadh.


Na mealladh neach sam bith e fhèin. Ma tha neach sam bith nur measg a' smaoineachadh gu bheil e glic san linn seo, biodh e na amadan airson 's gum fàsadh e glic.


Oir leis a' ghràs a chaidh a thoirt dhomh, tha mi ag ràdh ris a h‑uile neach nur measg gun a bhith a' smaoineachadh ma dheidhinn fhèin nas àirde na bu chòir dha, ach a bhith a' smaoineachadh le breithneachadh sòbarra, gach neach a rèir an tomhas creideimh a tha Dia air a shònrachadh.


A‑nis bha iad seo na b' uaisle na iadsan ann an Tesalonìca; oir ghabh iad am facal thuca fhèin leis a h‑uile h‑eud, a' rannsachadh nan Sgriobtar gach latha airson faicinn an robh na rudan seo mar sin.


Mar sin chuir mi fios air do shon sa bhad, agus is math a rinn thu tighinn. A‑nis, ma‑thà, tha sinn uile an seo ann an làthair Dhè airson a h‑uile sìon a chluinntinn a chaidh àithne dhut leis an Tighearna.”


“Taisgibh nur cluasan na faclan seo: tha Mac an Duine gu bhith air a thoirt thairis do làmhan dhaoine.”


ged a dh'fhaodainn fhèin cuideachd earbsa a bhith agam san fheòil. Ma tha neach sam bith eile a' saoilsinn gum faod e earbsa a chur san fheòil, is motha a dh'fhaodas mise:


“Ach nuair a chì sibh ‘gràinealachd an lèir‑sgrios’ na seasamh far nach bu chòir dhi a bhith (tuigeadh an leughadair), an uair sin teicheadh iadsan a th' ann an Iudèa gu na beanntan.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan