Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 8:16 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

16 “Chan eil neach sam bith a' lasadh lampa agus ga falach le soitheach no ga cur fo leabaidh. An àite sin cuiridh e air lampair i, airson 's gum faic iadsan a thig a‑steach an solas.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

16 Chan eil neach air bith, air dha coinneal a lasadh, a dh’fhalaicheas fo shoitheach i, no a chuireas fo leabaidh i: ach cuiridh e ann an coinnleir i, a‑chum gum faic iadsan a thig a‑steach an solas.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

16 Chan eil neach air bith, air dha coinneal a lasadh, a dh’fhalaicheas fo shoitheach i, no a chuireas fo leabaidh i: ach cuiridh e ann an coinnleir i, a‑chum gum faic iadsan a thig a‑steach an solas.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

16 Cha n-eil neach sam bith air dha coinnneal a lasadh a chuireas i fo shaghach, no fo leabaidh: ach an coinnleir, los gum faic iadsan, a thig a stigh, an solus.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 8:16
9 Iomraidhean Croise  

“Chan eil neach sam bith, às dèidh dha lampa a lasadh, ga cur ann an àite falaichte no fo chuinneig ach air an lampair, airson 's gum faic an fheadhainn a thig a‑steach an solas.


Agus a thaobh an t‑sìl a thuit air an talamh mhath, is iadsan an fheadhainn, às dèidh dhaibh am facal a chluinntinn, a tha ga chumail nan cridhe onarach agus math, agus a bheir a‑mach toradh le foighidinn.


gus an sùilean fhosgladh, airson 's gum faod iad tionndadh o dhorchadas gu solas, o chumhachd Shàtain gu Dia, airson 's gum faod iad mathanas pheacaidhean fhaighinn agus àite am measg na feadhna a th' air an naomhachadh tro chreideamh annamsa.’


Dìomhaireachd nan seachd rionnagan a chunnaic thu nam làimh‑dheis, agus na seachd lampairean òir: 's iad na seachd rionnagan na h‑ainglean aig na seachd eaglaisean, agus 's iad na seachd lampairean na seachd eaglaisean.


'S iad seo an dà chraobh‑ola agus an dà lampair a tha nan seasamh air beulaibh Tighearna na talmhainn.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan