Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 8:12 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

12 Is iadsan a tha ri taobh an rathaid an fheadhainn a tha air cluinntinn. Ach an uair sin tha an diabhal a' tighinn agus tha e a' toirt air falbh an fhacail às an cridheachan, airson 's nach creideadh iad 's gum biodh iad air an saoradh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

12 Iadsan ri taobh an rathaid, is iad sin a dh’èisdeas: na dhèidh sin tha an diabhal a’ teachd, agus a’ togail air falbh an fhacail as an cridheachan, air eagal gun creideadh iad agus gum biodh iad air an saoradh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

12 Iadsan ri taobh an rathaid, is iad sin a dh’èisdeas: na dhèidh sin tha an diabhal a’ teachd, agus a’ togail air falbh an fhacail as an cridheachan, air eagal gun creideadh iad agus gum biodh iad air an saoradh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

12 Agus is iadsan ri taobh an rathaid an fheadhainn a dhʼeisdeas: an sin thig an deomhan agus sgobaidh e am facal as an cridhe, eagal le creidsinn gum bi iad sabhailte.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 8:12
13 Iomraidhean Croise  

A h‑uile neach a chluinneas facal na rìoghachd agus nach tuig e, tha an droch fhear a' tighinn agus a toirt air falbh na chaidh a chur na chridhe; is e seo an sìol a chaidh a chur ri taobh an rathaid.


agus fhad 's a bha e a' cur, thuit cuid ri taobh an rathaid, agus thàinig na h‑eòin agus dh'ith iad e.


Is iad seo an fheadhainn ri taobh an rathaid, far a bheil am facal air a chur: nuair a chluinneas iad, tha an Sàtan a' tighinn sa bhad agus a' toirt air falbh an fhacail a chaidh a chur annta.


“Is e seo ciall na cosamhlachd: is e an sìol facal Dhè.


Agus is iadsan a tha air a' chreig an fheadhainn, nuair a dh'èisteas iad ris an fhacal, a ghabhas thuca e le gàirdeachas, ach chan eil freumh aca seo. Creididh iad airson greis agus ann an àm buairidh tuitidh iad air falbh.


“Chaidh fear‑cuir sìl a‑mach a chur. Agus fhad 's a bha e a' cur, thuit cuid ri taobh an rathaid agus chaidh stampadh air, agus dh'ith eòin an adhair e.


Agus chaidh an dràgon mòr a thilgeil sìos, an seann nathair, esan ris an canar an Diabhal, agus Sàtan, esan a tha a' mealladh an saoghal gu lèir, chaidh a thilgeil chun na talmhainn, agus bha na h‑ainglean aige air an tilgeil sìos còmhla ris.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan