Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 8:11 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

11 “Is e seo ciall na cosamhlachd: is e an sìol facal Dhè.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

11 Ach is e seo an cosamhlachd: Is e an sìol facal Dhè.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

11 Ach is e seo an cosamhlachd: Is e an sìol facal Dhè.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

11 A nis se so an dubh-fhacal: An siol se facal De e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 8:11
10 Iomraidhean Croise  

“Cluinnibh‑se, mar sin, cosamhlachd fear‑cuir an t‑sìl:


A h‑uile neach a chluinneas facal na rìoghachd agus nach tuig e, tha an droch fhear a' tighinn agus a toirt air falbh na chaidh a chur na chridhe; is e seo an sìol a chaidh a chur ri taobh an rathaid.


An uair sin thuirt e riutha, “Nach eil sibh a' tuigsinn na cosamhlachd seo? Ciamar mar sin a thuigeas sibh na cosamhlachdan air fad?


Is iadsan a tha ri taobh an rathaid an fheadhainn a tha air cluinntinn. Ach an uair sin tha an diabhal a' tighinn agus tha e a' toirt air falbh an fhacail às an cridheachan, airson 's nach creideadh iad 's gum biodh iad air an saoradh.


Mar sin, às dèidh gach salchar‑mì‑mhoralta is lìonmhorachd uilc a chur gu aon taobh, sealbhaichibh le macantas am facal a tha suidhichte, a tha comasach air ur n‑anman a shàbhaladh.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan