Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 7:7 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

7 Mar sin, cha do shaoil mi mi fhèin airidh air tighinn thugad. Ach can am facal, agus bidh mo sheirbheiseach air a shlànachadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

7 Uime sin cha mhò a mheas mi gum b’airidh mi fhèin air teachd ad ionnsaigh: ach a‑mhàin abair am facal, agus slànaichear m’òglach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

7 Uime sin cha mhò a mheas mi gum b’airidh mi fhèin air teachd ad ionnsaigh: ach a‑mhàin abair am facal, agus slànaichear m’òglach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

7 Le sin cha do shaoil mi gum bʼairidh mi fhein air tighinn ga tʼ ionnnsuidhse: ach abair am facal, us bithidh mo sheirbhiseach air a leigheas.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 7:7
10 Iomraidhean Croise  

Agus bha iad uile fo uimhir de dh'iongnadh is gun do dh'fhaighnich iad do chàch‑a‑chèile, “Dè tha seo? Teagasg ùr le ùghdarras! Tha e fiù 's a' toirt òrduigh dha na spioradan neòghlan, agus tha iad umhail dha.”


Agus bha iad uile fo iongnadh agus thuirt iad ri chèile, “Dè an seòrsa cainnt a tha an seo? Oir le ùghdarras is cumhachd tha e a' toirt òrduigh dha na spioradan neòghlan, agus tha iad a' tighinn a‑mach.”


Agus shìn Ìosa a làmh a‑mach agus bhean e ris, ag ràdh, “Is miann leam. Bi glan!” Agus anns a' bhad dh'fhàg an luibhre e.


Agus chaidh Ìosa còmhla riutha. Ach nuair nach robh e fada on taigh, chuir an ceannard‑ceud càirdean thuige, ag ràdh ris, “A Thighearna, na gabh dragh, oir chan eil mise airidh air gun tigeadh tu a‑steach fo mhullach mo thaighe.


Oir is e duine a th' annamsa cuideachd a tha air mo chur fo ùghdarras, le saighdearan fodham. Agus canaidh mi ris an fhear seo, ‘Thalla,’ agus falbhaidh e, agus ri fear eile, ‘Thig,’ agus thig e, agus rim sheirbheiseach, ‘Dèan seo,’ agus nì e e.”


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan