Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 7:47 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

47 Mar sin tha mi ag ràdh riut gu bheil a peacaidhean, a tha lìonmhor, air am mathadh – oir ghràdhaich i gu mòr. Ach ge b' e neach dham mathar beagan, bidh a ghràdh beag.”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

47 Uime sin tha mi ag ràdh riut gu bheil a peacaidhean, a tha lìonmhor, air am maitheadh; air an adhbhar sin ghràdhaich i gu mòr: ach ge bè neach dom maithear beagan, bidh a ghràdh beag.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

47 Uime sin tha mi ag ràdh riut gu bheil a peacaidhean, a tha lìonmhor, air am maitheadh; air an adhbhar sin ghràdhaich i gu mòr: ach ge bè neach dom maithear beagan, bidh a ghràdh beag.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

47 Air an aobhar sin tha mi g-radh riut: Tha moran pheacannan air am mathadh dhi, chionn gun tug i moran gaoil. Ach an neach, dha ʼm mathar nas lugha, se is lugha a bheir gaol.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 7:47
25 Iomraidhean Croise  

“Ge b' e cò a ghràdhaicheas athair no màthair nas motha na mise, chan eil e airidh orm, agus ge b' e cò a ghràdhaicheas mac no nighean os mo chionn‑sa, chan eil e airidh orm.


Nuair a chunnaic am Pharasach a thug an cuireadh dha seo, thuirt e ris fhèin, “Nam b' e fàidh a bh' anns an duine seo, bhiodh fhios aige cò i am boireannach seo, agus dè an seòrsa tè a th' innte a tha a' beantainn ris, oir is e peacach a th' innte.”


Cha do dh'ung thusa mo cheann le ola, ach tha ise air mo chasan ungadh le acfhainn.


Agus thuirt e rithe, “Tha do pheacaidhean air am mathadh.”


Dh'àrdaich Dia esan aig a dheas‑làimh na Phrionnsa 's na Shlànaighear, airson aithreachas a thoirt do dh'Israel, agus mathanas pheacaidhean.


A‑nis thàinig an lagh a‑steach airson an cionta a mheudachadh, ach far an do mheudaich am peacadh, mheudaich gràs na bu mhotha buileach,


Oir tha gràdh Chrìosd gar co‑èigneachadh, às dèidh dhuinn tighinn chun a' cho‑dhùnaidh seo: gun do bhàsaich aon airson nan uile, mar sin bhàsaich na h‑uile;


Oir ann an Crìosd Ìosa chan eil timcheall‑ghearradh no neo‑thimcheall‑ghearradh feumail airson sìon, ach creideamh a tha ag obair tro ghràdh.


Gu robh gràs còmhla riuthasan uile a tha a' gràdhachadh ar Tighearna Ìosa Crìosd ann an neo‑thruaillidheachd.


Agus is i seo m' ùrnaigh, gun tèid ur gràdh a mheudachadh barrachd is barrachd ann an eòlas is anns a h‑uile tuigse,


Agus bha gràs ar Tighearna tuilleadh 's a' cur thairis, còmhla ri creideamh agus gràdh, ann an Crìosd Ìosa.


Ach ma choisicheas sinn san t‑solas, mar a tha esan san t‑solas, tha co‑chomann againn ri càch‑a‑chèile, agus tha fuil Ìosa, a Mhac‑san, gar glanadh on a h‑uile peacadh.


A chlann bheaga, na gràdhaicheamaid ann am facal no ann an teanga, ach ann an gnìomh agus ann am fìrinn.


Tha sinne a' gràdhachadh a chionn 's gun do gràdhaich esan sinne an toiseach.


Oir is e seo gràdh Dhè – gun cùm sinn na h‑àithntean aige, agus chan eil na h‑àithntean aige trom.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan