Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 7:44 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

44 Agus a' tionndadh chun a' bhoireannaich, thuirt e ri Sìmon, “A bheil thu a' faicinn a' bhoireannaich seo? Thàinig mise a‑steach dhan taigh agad; cha tug thu uisge dhomh airson mo chasan, ach tha ise air mo chasan a fhliuchadh le a deòir agus air an tiormachadh le a falt.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

44 Agus air tionndadh ris a’ mhnaoi, thubhairt e ri Sìmon, Am faic thu a’ bhean seo? Thàinig mi a‑steach dod thaigh, cha tug thu dhomh uisge airson mo chas; ach dh’ionnlaid ise mo chasan le deòir, agus thiormaich i iad le falt a cinn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

44 Agus air tionndadh ris a’ mhnaoi, thubhairt e ri Sìmon, Am faic thu a’ bhean seo? Thàinig mi a‑steach dod thaigh, cha tug thu dhomh uisge airson mo chas; ach dh’ionnlaid ise mo chasan le deòir, agus thiormaich i iad le falt a cinn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

44 ʼSa tionndadh ris a bhoirionnach, thuirt e ri Simon: A bheil thu faicinn a bhoirionnaich so? Thainig mi stigh dha dʼ thigh; cha tug thu uisge dhomh air son mo chasan: ach ise, nigh i mo chasan le a deoir, agus shuath i iad le ʼfalt.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 7:44
11 Iomraidhean Croise  

agus a' seasamh air a chùlaibh, aig a chasan, agus a' caoineadh, thòisich i air a chasan a fhliuchadh le a deòir. An uair sin shuath i iad le a falt, is phòg i a chasan, agus dh'ung i leis an acfhainn iad.


Fhreagair Sìmon, “Saoilidh mi gur e am fear dhan do mhath e a' chuid a bu mhotha.” Agus thuirt e ris, “Thug thu breith cheart.”


An uair sin, dhòirt e uisge ann an soitheach‑nighe, agus thòisich e air casan nan deisciobal a nighe agus an tiormachadh leis an t‑searbhadair a bha suainte mun cuairt air fhèin.


tè aig a bheil teisteanas airson deagh obraichean, ma thog i clann, ma thug i aoigheachd, ma nigh i casan nan naomh, ma thug i cuideachadh dhaibhsan a bh' ann an trioblaid, ma thug i i fhèin do gach deagh obair.


Ach thug sibhse masladh dhan fhear bhochd! Nach eil sibh air ur claoidh leis na daoine beairteach? Nach eil iadsan gur draghadh dhan chùirt?


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan