Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 7:41 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

41 “Bha dithis fo fhiachan aig neach‑fiach àraidh: aon airson còig cheud denarius, agus am fear eile airson caogad.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

41 Bha aig fear-fiachan àraidh dithis a dh’fhèichneinean: bha aige air aon fhear còig ceud pèighinn, agus air an fhear eile lethcheud.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

41 Bha aig fear‐fiachan àraidh dithis a dh’fhèichneinean: bha aige air aon fhear còig ceud pèighinn, agus air an fhear eile leth‐cheud.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

41 Bha fiachan aig riadhadair araid air dithis: air aon fhear coig ciad peighinn, agus air an fhear eile leth-chiad.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 7:41
17 Iomraidhean Croise  

“Ach nuair a chaidh an seirbheiseach sin fhèin a‑mach, fhuair e aon dhe a cho‑sheirbheisich a bh' ann am fiachan ceud denarius dha, agus ga ghlacadh, thòisich e ri thachdadh, ag ràdh, ‘Pàigh air ais d' fhiachan!’


agus math dhuinn ar fiachan, mar a tha sinne cuideachd air mathadh dhar luchd‑fiach.


Ach fhreagair esan iad, “Thugaibhse dhaibh rudeigin a dh'itheas iad!” Agus thuirt iadsan ris, “An tèid sinn a cheannach luach ochd mìosan tuarastail de dh'aran agus gun toir sinn dhaibh e ri ithe?”


agus math dhuinn ar peacaidhean, oir tha sinne cuideachd a' mathadh dha gach neach a th' ann am fiachan rinne. Agus na leig ann am buaireadh sinn.’”


Ach an neach dha nach b' aithne, agus a rinn rudan a bha airidh air buillean, thèid esan a bhualadh le beagan bhuillean. Oir gach neach dhan deach mòran a thoirt, thèid mòran iarraidh uaithe, agus ge b' e ris an deach mòran earbsa, thèid tuilleadh iarraidh air.


No na h‑ochd duine deug air an do thuit an tùr ann an Silòam agus a mharbhadh iad – a bheil sibh a' saoilsinn gun robh iadsan na bu chiontaiche na a h‑uile neach a bha a' fuireach ann an Ierusalem?


Agus fhreagair Ìosa e, “A Shìmoin, tha rud agam ri ràdh riut.” Agus thuirt esan, “Fhir‑Teagaisg, can e.”


Mar sin tha mi ag ràdh riut gu bheil a peacaidhean, a tha lìonmhor, air am mathadh – oir ghràdhaich i gu mòr. Ach ge b' e neach dham mathar beagan, bidh a ghràdh beag.”


oir pheacaich a h‑uile neach agus tha iad air tighinn goirid air glòir Dhè,


A‑nis thàinig an lagh a‑steach airson an cionta a mheudachadh, ach far an do mheudaich am peacadh, mheudaich gràs na bu mhotha buileach,


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan