Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 7:32 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

32 Tha iad coltach ri cloinn a tha nan suidhe san ionad‑mhargaidh, agus ag èigheach ri chèile, ag ràdh: “‘Chluich sinne an duiseal dhuibhse, agus cha do rinn sibhse dannsa; sheinn sinne tuireadh dhuibhse, agus cha do chaoin sibhse.’

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

32 Tha iad cosmhail ri cloinn a tha nan suidhe anns a’ mhargadh, agus a dh’èigheas ri chèile, ag ràdh, Rinn sinne pìobaireachd dhuibhse, agus cha do rinn sibhse dannsa: rinn sinne tuireadh dhuibhse, agus cha do rinn sibhse gul.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

32 Tha iad cosmhail ri cloinn a tha nan suidhe anns a’ mhargadh, agus a dh’èigheas ri chèile, ag ràdh, Rinn sinne pìobaireachd dhuibhse, agus cha do rinn sibhse dannsa: rinn sinne tuireadh dhuibhse, agus cha do rinn sibhse gul.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

32 Tha iad coltach ri cloinn ʼnan suidhe sa mhargadh, agus a bruidhinn ri cheile, ʼsa g-radh: Ghleus sinn ceol dhuibh, ʼs cha do dhanns sibh; rinn sinn cumha, ʼs cha do ghuil sibh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 7:32
9 Iomraidhean Croise  

“Agus a' dol a‑mach mu naoi uairean sa mhadainn chunnaic e feadhainn eile nan seasamh dìomhain san ionad‑mhargaidh.


“Cò ris, mar sin, a shamhlaicheas mi muinntir a' ghinealaich seo, agus cò ris a tha iad coltach?


“Oir thàinig Eòin Baistidh, chan ann ag ithe arain, no ag òl fìona, agus canaidh sibh, ‘Tha deamhan ann.’


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan