Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 7:30 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

30 Ach dhiùlt na Pharasaich agus an luchd‑lagha rùn Dhè air an son fhèin, a chionn 's nach deach am baisteadh leis.)

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

30 Ach chuir na Pharasaich agus an luchd-lagha cùl ri comhairle Dhè dan taobh fhèin, am feadh nach do bhaisteadh iad leis.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

30 Ach chuir na Pharasaich agus an luchd‐lagha cùl ri comhairle Dhè dan taobh fhèin, am feadh nach do bhaisteadh iad leis.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

30 Ach chuir na Phairisich ʼs an luchd-lagha suarach comhairle Dhe ʼnan aghaidh fhein, oir cha do bhaisteadh iad leis.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 7:30
11 Iomraidhean Croise  

Agus chuir aon dhiubh, fear‑lagha, ceist air airson a dhearbhadh:


“A Ierusaleim, a Ierusaleim, a mharbhas na fàidhean, agus a chlachas an fheadhainn a chaidh a chur thugad! Dè cho tric 's a bu mhiann leam do chlann a chruinneachadh còmhla, mar a chruinnicheas cearc a h‑iseanan fo a sgiathan, ach cha robh sibh deònach.


Ma chanas sinn, ‘O dhaoine,’ clachaidh an sluagh uile sinn, oir tha iad deimhinnte gum b' e fàidh a bh' ann an Eòin.”


“Cò ris, mar sin, a shamhlaicheas mi muinntir a' ghinealaich seo, agus cò ris a tha iad coltach?


Oir cha do tharraing mi air ais o chomhairle Dhè gu lèir a chur an cèill dhuibh.


Ach mu Israel tha e ag ràdh: “Fad an latha tha mi air mo làmhan a shìneadh a‑mach ri sluagh eas‑umhail 's a tha nam aghaidh.”


Agus ag obrachadh còmhla ris, tha sinne cuideachd a' dèanamh tagradh ribh gun gràs Dhè a ghabhail gu dìomhain.


Chan eil mi a' diùltadh gràs Dhè, oir nan robh fìreantachd tron lagh, 's ann gun adhbhar a fhuair Crìosd bàs.”


Annsan tha sinn air oighreachd fhaighinn, às dèidh dhuinn a bhith air ar ro‑òrdachadh a rèir rùn an Aoin a tha ag obrachadh a h‑uile sìon a rèir comhairle a thoile fhèin,


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan