Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 7:3 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

3 Nuair a chuala e mu Ìosa chuir e èildearan nan Iùdhach thuige, a' faighneachd dha an tigeadh e agus gun leighiseadh e a sheirbheiseach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

3 Agus nuair a chuala e mu Iosa, chuir e seanairean nan Iùdhach da ionnsaigh, a’ cur impidh air gun tigeadh e, agus gun lèighseadh e a sheirbhiseach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

3 Agus nuair a chuala e mu Iosa, chuir e seanairean nan Iùdhach da ionnsaigh, a’ cur impidh air gun tigeadh e, agus gun lèighseadh e a sheirbhiseach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

3 ʼS nuair chual e mu Iosa, chuir e ga ionnsuidh seanairean nan Iudhach, a dhʼiarraidh air tighinn ʼsa sheirbhiseach a leigheas.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 7:3
7 Iomraidhean Croise  

Nuair a chaidh e a‑steach a Chapernàum, thàinig ceannard‑ceud thuige, ga thagradh,


A‑nis bha seirbheiseach aig ceannard‑ceud, dhan robh spèis mhòr aige, tinn agus ri uchd bàis.


Nuair a thàinig iad gu Ìosa ghuidh iad air gu dùrachdach, ag ràdh, “Tha e airidh air gun dèanadh tu seo dha,


Agus thàinig duine leis an ainm Iàirus, a bha na riaghladair air an t‑sionagog. Agus a' tuiteam aig casan Ìosa, ghuidh e air gun tigeadh e dhan taigh aige,


Agus, seall, dh'èigh duine dhen t‑sluagh a‑mach, “Fhir‑Teagaisg, tha mi a' guidhe ort sealltainn air mo mhac, oir is e m' aon duine cloinne a th' ann.


Nuair a chuala an duine seo gun robh Ìosa air tighinn a‑nuas à Iudèa gu Galile, chaidh e thuige agus dh'iarr e air tighinn a‑nuas agus a mhac a shlànachadh, oir bha e gus bàsachadh.


Tha mi a' guidhe ort airson mo mhic Onesimus, a chaidh a ghineamhainn dhomh nam phrìosanachadh


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan