Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 7:22 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

22 Agus fhreagair Ìosa iad, “Thallaibh agus innsibh do dh'Eòin na chunnaic agus na chuala sibh: tha na doill a' faighinn fradhairc, na bacaich a' coiseachd, na lobhair air an glanadh, na bodhair a' cluinntinn, na mairbh air an togail suas, agus an soisgeul air a shearmonachadh dha na bochdan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

22 Agus fhreagair Iosa, agus thubhairt e riu, Imichibh-se agus innsibh do Eòin na nithean a chunnaic agus a chuala sibh; gu bheil na doill a’ faicinn, na bacaich ag imeachd, na lobhair air an glanadh, na bodhair a’ cluinntinn, na mairbh air an dùsgadh, an soisgeul air a shearmonachadh do na bochdan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

22 Agus fhreagair Iosa, agus thubhairt e riu, Imichibh‐se agus innsibh do Eòin na nithean a chunnaic agus a chuala sibh; gu bheil na doill a’ faicinn, na bacaich ag imeachd, na lobhair air an glanadh, na bodhair a’ cluinntinn, na mairbh air an dùsgadh, an soisgeul air a shearmonachadh do na bochdan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

22 Agus a freagairt, thuirt e riu: Falbhaibh, agus innsibh do Eoin na chual, ʼs na chunnaic sibh: Gu bheil na doill a faicinn, na bacaich a coiseachd, na lobhair air an glanadh, na bodhair a cluinntinn, na mairbh a g-eirigh rithist, an soisgeul air a shearmonachadh do na bochdan:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 7:22
31 Iomraidhean Croise  

tha na doill a' faighinn fradhairc, agus na bacaich a' coiseachd, na lobhair air an glanadh, na bodhair a' cluinntinn, na mairbh air an togail suas, agus an soisgeul air a shearmonachadh dha na bochdan.”


Agus thàinig na doill is na bacaich thuige san teampall, agus shlànaich e iad.


“Tha Spiorad an Tighearna orm, a chionn 's gun do dh'ung e mi airson an deagh sgeòil a shearmonachadh dha na bochdan. Tha e air mo chur a ghairm saorsa dha na braighdean agus fradharc air aiseag dha na doill, a thoirt saorsa dhan mhuinntir a tha air an claoidh,


Aig an àm sin fhèin leighis e mòran o ghalaran, o phlàighean is o spioradan olca, agus thug e fradharc do mhòran a bha dall.


Agus is beannaichte esan nach gabh oilbheum air mo sgàth‑sa.”


“An tig rud math sam bith a‑mach à Nàsaret?” dh'fhaighnich Natànael. Thuirt Philip, “Thig agus faic.”


gus an sùilean fhosgladh, airson 's gum faod iad tionndadh o dhorchadas gu solas, o chumhachd Shàtain gu Dia, airson 's gum faod iad mathanas pheacaidhean fhaighinn agus àite am measg na feadhna a th' air an naomhachadh tro chreideamh annamsa.’


Oir thàinig spioradan neòghlan a‑mach à mòran anns an robh iad, ag èigheach le guth àrd, agus chaidh tòrr air an robh a' phairilis no a bha nan crioplaich a shlànachadh.


Èistibh, mo bhràithrean gràdhach! Nach do thagh Dia feadhainn bhochda an t‑saoghail seo gus a bhith beairteach ann an creideamh agus nan oighreachan air rìoghachd Dhè, a gheall e ro‑làimh dhan fheadhainn aig a bheil gràdh dha?


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan