Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 7:21 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

21 Aig an àm sin fhèin leighis e mòran o ghalaran, o phlàighean is o spioradan olca, agus thug e fradharc do mhòran a bha dall.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

21 Agus anns an uair sin fhèin leighis e mòran on easlaintean agus om plàighean, agus o dhroch spioradan; agus thug e am fradharc do mhòran a bha dall.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

21 Agus anns an uair sin fhèin leighis e mòran on easlaintean agus om plàighean, agus o dhroch spioradan; agus thug e am fradharc do mhòran a bha dall.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

21 (Agus sa cheart uair sin, leighis e moran bho ʼn easlaintean, us bho ʼn creuchdan, us bho dhroch, spioraid, agus do mhoran dhall thug e am fradharc.)

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 7:21
12 Iomraidhean Croise  

Agus bha e a' dol tro Ghalile uile, a' teagasg anns na sionagogan aca is a' searmonachadh soisgeul na rìoghachd agus a' slànachadh gach gnè tinneis is gach gnè bochdainn am measg an t‑sluaigh.


Mar sin chaidh a chliù air feadh Shiria gu lèir, agus thug iad thuige iadsan uile a bha tinn, iadsan a bha a' fulang diofar bhochdainnean is phiantan, iadsan a bha fo chumhachd dheamhan, tuiteamaich agus luchd‑pairilis, agus shlànaich e iad.


Oir bha e air mòran a leigheas, leis a' bhuil gun do theann iadsan uile ris air an robh tinneasan, airson 's gum beanadh iad ris.


Agus sa bhad chaidh a sruth fala a thiormachadh, agus dh'aithnich i na corp fhèin gun deach a leigheas on tinneas aice.


Agus thuirt esan rithe, “A nighean, shlànaich do chreideamh thu. Thalla ann an sìth, agus bi slàn od thinneas.”


Nuair a thàinig na daoine thuige, thuirt iad, “Chuir Eòin Baistidh sinne thugad, ag ràdh, ‘An tusa an t‑aon a bha ri thighinn, no an sùilich sinn neach eile?’”


oir tha an Tighearna a' smachdachadh an neach air a bheil gràdh aige, agus sgiùrsaidh e gach mac ris an gabh e.”


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan