Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 7:2 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

2 A‑nis bha seirbheiseach aig ceannard‑ceud, dhan robh spèis mhòr aige, tinn agus ri uchd bàis.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

2 Agus bha seirbhiseach ceannaird-ceud àraidh, a b’ionmhainn leis, gu tinn agus ri uchd bàis.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

2 Agus bha seirbhiseach ceannaird‐ceud àraidh, a b’ionmhainn leis, gu tinn agus ri uchd bàis.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

2 Agus aig ceannard-ciad araid bha seirbhiseach, a bha ro-mheasail aige, gu tinn, ʼs aig uchd bàis.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 7:2
24 Iomraidhean Croise  

Nuair a chunnaic an ceannard‑ceud is iadsan a bha còmhla ris, a bha a' cumail faire air Ìosa, a' chrith‑thalmhainn agus na thachair, ghabh iad oillt mhòr, agus thuirt iad, “Gu fìrinneach b' e an duine seo Mac Dhè!”


A‑nis, nuair a chunnaic an ceannard‑ceud an rud a chaidh a dhèanamh, thug e glòir do Dhia, ag ràdh, “Gu cinnteach bha an duine seo ionraic.”


Nuair a chrìochnaich Ìosa na faclan aige gu lèir ann an èisteachd an t‑sluaigh, chaidh e a‑steach do Chapernàum.


Nuair a chuala e mu Ìosa chuir e èildearan nan Iùdhach thuige, a' faighneachd dha an tigeadh e agus gun leighiseadh e a sheirbheiseach.


oir bha an aon nighean a bh' aige, a bha mu dhà bhliadhna dheug, a' bàsachadh. Fhad 's a bha e air a shlighe, bha an sluagh ga bhruthadh.


Aig Cesarèa bha duine àraidh dham b' ainm Cornelius, ceannard‑ceud dhen bhuidheann ris an canar an Rèisimeid Eadailteach,


Nuair a dh'fhalbh an t‑aingeal a bha a' bruidhinn ris, ghairm e air dithis dhe sheirbheisich agus saighdear cràbhach o mheasg na feadhna a bha ga fhrithealadh,


Nuair a chuala an ceannard‑ceud seo, chaidh e chun an àrd‑cheannard agus thuirt e ris, “Dè a tha thu a' dol a dhèanamh? Oir is e saoranach Ròmanach a tha an seo.”


Ghairm Pòl air aon dhe na ceannardan‑ceud agus thuirt e, “Thoir an duine òg seo chun an àrd‑cheannaird, oir tha rudeigin aige ri innse dha.”


Agus nuair a chaidh a roghnachadh gum bu chòir dhuinne seòladh airson na h‑Eadailte, thug iad Pòl agus cuid de phrìosanaich eile thairis do cheannard‑ceud dham b' ainm Iulius de Rèisimeid Augustuis.


An ath latha chuir sinn a‑steach aig Sìdon; agus dhèilig Iulius ri Pòl gu coibhneil agus thug e cead dha a dhol gu a charaidean agus cùram fhaighinn.


Ach, ag iarraidh Pòl a shàbhaladh, chùm an ceannard‑ceud iad bhom beachd a chur an gnìomh. Dh'àithn e dhaibhsan dham b' aithne snàmh iad fhèin a thilgeil thar na cliathaich an toiseach is dèanamh air tìr,


A sheirbheiseacha, sa h‑uile sìon, bithibh umhail dhur maighstirean a rèir na feòla, chan ann le seirbheis‑sùla, mar fheadhainn a tha a' toileachadh dhaoine, ach ann an sìmplidheachd cridhe, ann an eagal an Tighearna.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan