Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 7:12 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

12 A‑nis fhad 's a thàinig e faisg air geata a' bhaile, seall, bha duine marbh ga ghiùlain a‑mach, aon mhac a mhàthar, agus b' e banntrach a bh' innte. Agus bha sluagh mòr de mhuinntir a' bhaile còmhla rithe.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

12 A‑nis nuair a thàinig e am fagas do gheata a’ bhaile, feuch, ghiùlaineadh a‑mach duine marbh, aon mhac a mhàthar, agus bu bhantrach i: agus bha sluagh mòr de mhuinntir a’ bhaile maille rithe.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

12 A‑nis nuair a thàinig e am fagas do gheata a’ bhaile, feuch, ghiùlaineadh a‑mach duine marbh, aon mhac a mhàthar, agus bu bhantrach i: agus bha sluagh mòr de mhuinntir a’ bhaile maille rithe.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

12 ʼS nuair thainig e teann air geata a bhaile, seall, bhathas a giulan a mach duine mhairbh, aona mhac a mhathar, ʼs bu bhantrach i; agus bha cuideachda mhor de mhuinntir a bhaile comhla rithe.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 7:12
20 Iomraidhean Croise  

Agus an ath latha, chaidh e gu baile ris an canar Nain agus chaidh a dheisciobail is sluagh mòr còmhla ris.


Nuair a chunnaic an Tighearna i, ghabh e truas rithe, agus thuirt e rithe, “Na bi a' caoineadh.”


oir bha an aon nighean a bh' aige, a bha mu dhà bhliadhna dheug, a' bàsachadh. Fhad 's a bha e air a shlighe, bha an sluagh ga bhruthadh.


Agus bha iad uile a' caoineadh agus a' caoidh air a son, ach thuirt esan, “Na caoinibh: cha do bhàsaich i; tha i na cadal.”


Agus bha mòran dhe na h‑Iùdhaich air tighinn gu Marta is Màiri, airson cofhurtachd a thoirt dhaibh a thaobh am bràthar.


Mar sin dh'èirich Peadar is chaidh e còmhla riutha. Agus nuair a ràinig e, thug iad dhan t‑seòmar uachdarach e. Sheas na banntraichean uile ri thaobh, a' caoineadh agus a' sealltainn nan lèintean‑fada is nam badan aodaich eile a rinn Dorcas fhad 's a bha i còmhla riutha.


Agus thug e a làmh dhi, agus thog e suas i. An uair sin a' gairm nan naomh agus nam banntraichean, sheall e dhaibh beò i.


'S e seo cràbhadh fìorghlan is neo‑thruaillidh an làthair Dhè an t‑Athair: a bhith a' tadhal air dilleachdain 's air banntraichean nan trioblaid, agus neach a chumail gun smal on t‑saoghal.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan