Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 7:10 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

10 Agus nuair a thill an fheadhainn sin a chaidh a chur a‑mach air ais chun an taighe, fhuair iad an seirbheiseach ann an deagh shlàinte.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

10 Agus air tilleadh air an ais don taigh do na teachdairean a chuireadh da ionnsaigh, fhuair iad an seirbhiseach a bha tinn, slàn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

10 Agus air tilleadh air an ais don taigh do na teachdairean a chuireadh da ionnsaigh, fhuair iad an seirbhiseach a bha tinn, slàn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

10 ʼS nuair a thill an fheadhainn, a bha air an cur, thun an tighe, fhuair iad an seirbhiseach, a bha tinn, slan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 7:10
6 Iomraidhean Croise  

An uair sin fhreagair Ìosa i, “Ò, a bhoireannaich, is mòr do chreideamh! Biodh e air a dhèanamh dhut mar a tha thu a' miannachadh!” Agus chaidh an nighean a dhèanamh slàn on uair sin fhèin.


Agus thuirt Ìosa ris a' cheannard‑ceud, “Thalla! Biodh e air a dhèanamh dhut mar a chreid thu.” Agus chaidh an seirbheiseach a shlànachadh aig an àm sin fhèin.


Agus thuirt Ìosa ris, “‘Mas urrainn dhut!’ Tha a h‑uile rud comasach dhan neach a chreideas.”


Agus an ath latha, chaidh e gu baile ris an canar Nain agus chaidh a dheisciobail is sluagh mòr còmhla ris.


Nuair a chuala Ìosa na rudan seo, ghabh e iongnadh ma dheidhinn, agus a' tionndadh chun an t‑sluaigh a bha ga leantainn, thuirt e, “Tha mi ag ràdh ribh nach d' fhuair mi fiù 's ann an Israel a leithid seo de chreideamh.”


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan