Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 6:8 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

8 Ach b' aithne dha an smuaintean agus thuirt e ris an duine aig an robh an làmh sheargte, “Èirich, agus seas a‑mach anns a' mheadhan.” Agus dh'èirich esan, agus sheas e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

8 Ach thuig esan an smuaintean, agus thubhairt e ris an duine aig an robh an làmh sheargte, Eirich, agus seas a‑mach anns a’ mheadhon. Agus dh’èirich esan, agus sheas e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

8 Ach thuig esan an smuaintean, agus thubhairt e ris an duine aig an robh an làmh sheargte, Eirich, agus seas a‑mach anns a’ mheadhon. Agus dh’èirich esan, agus sheas e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

8 Ach thuig e an smaointean; us thuirt e ris an fhear, aig an robh an lamh sheargte: Eirich, agus seas sa mhiadhon. Agus dhʼeirich e ʼna sheasamh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 6:8
19 Iomraidhean Croise  

Ach, le fios a bhith aige air an smuaintean, thuirt Ìosa, “Carson a tha sibh a' smaoineachadh uilc nur cridheachan?


Thuirt e ris an duine, am fear leis an làimh sheargte, “Èirich dhan mheadhan.”


Nuair a chunnaic Ìosa i, ghairm e oirre agus thuirt e rithe, “A bhoireannaich, tha thu air do shaoradh od laigse.”


Ach le fios a bhith aig Ìosa air an smuaintean, fhreagair e iad, ag ràdh, “Carson a tha sibh a' reusanachadh nur cridheachan?


An uair sin thuirt Ìosa riutha, “Tha mise a' faighneachd dhuibh, a bheil e ceadaichte air an t‑Sàbaid math a dhèanamh no olc, beatha a shàbhaladh no a sgrios?”


agus nach robh feum aige air fianais duine sam bith mu dhuine, oir bha fios aige dè a bh' anns an duine.


Thuirt e ris an treas uair, “A Shìmoin mhic Iònais, a bheil gràdh agad ormsa?” Bha Peadar brònach a chionn 's gun tuirt e ris an treas uair, “A bheil gràdh agad ormsa?” Agus thuirt e ris, “A Thighearna, is aithne dhut a h‑uile rud, tha fios agad gu bheil gràdh agam ort.” Fhreagair Ìosa, “Beathaich mo chaoraich.


Feumaidh sinn obraichean an aoin a chuir a‑mach mi a dhèanamh, cho fada 's a tha an latha ann. Tha an oidhche a' tighinn, nuair nach urrainn do neach sam bith obair a dhèanamh.


Ach chan eil mi a' cunntadh mo bheatha mar luachmhor no prìseil dhomh fhèin, ma thèid agam a‑mhàin air mo thuras agus a' mhinistrealachd a fhuair mi on Tighearna Ìosa a chrìochnachadh, a' toirt fianais shòlaimte mu shoisgeul gràs Dhè.


Oir is aithne dhan rìgh mu na rudan seo, agus ris‑san tha mi a' bruidhinn gu dàn. Oir tha mi cinnteach nach eil gin dhe na rudan seo falaichte bhon mhothachadh aige, oir cha deach seo a dhèanamh ann an oisean.


gun a bhith fo eagal o ur nàimhdean – a rud a tha na chomharra dhaibhsan air sgrios, ach dhuibhse air sàbhaladh, agus sin o Dhia.


Agus chan eil creutair sam bith air falach mu choinneamh‑san; ach tha a h‑uile sìon lom is rùisgte do shùilean an Aoin dhan fheum sinne cunntas a thoirt.


Mar sin seach gun do dh'fhuiling Crìosd san fheòil, armaichibh sib' fhèin cuideachd, leis an aon inntinn, oir an neach a dh'fhulaing san fheòil tha e deiseil dhen pheacadh,


Agus marbhaidh mi a cuid chloinne le galar a' bhàis, agus bidh fios aig na h‑eaglaisean gu lèir gur mise esan a tha a' rannsachadh inntinnean is cridheachan, agus bheir mi do gach neach agaibh a rèir ur n‑obraichean.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan