Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 6:6 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

6 Air Sàbaid eile chaidh e a‑steach dhan t‑sionagog agus bha e a' teagasg, agus bha duine an sin aig an robh a làmh dheas seargte.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

6 Thàrladh mar an ceudna air sàbaid eile gun deachaidh e a‑steach don t‑sionagog, agus gun do theagaisg e; agus bha an sin duine aig an robh a làmh dheas air seargadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

6 Thàrladh mar an ceudna air sàbaid eile gun deachaidh e a‑steach don t‑sionagog, agus gun do theagaisg e; agus bha an sin duine aig an robh a làmh dheas air seargadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

6 Agus thachair mar an ciadna air sàbaid eile, gun deachaidh e stigh do ʼn t-sinagog, ʼs gun do theagaisg e. Agus bha fear an sin, aig an robh a lamh dheas air seargadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 6:6
14 Iomraidhean Croise  

Agus bha e a' dol tro Ghalile uile, a' teagasg anns na sionagogan aca is a' searmonachadh soisgeul na rìoghachd agus a' slànachadh gach gnè tinneis is gach gnè bochdainn am measg an t‑sluaigh.


A‑nis bha Ìosa a' teagasg ann an aon dhe na sionagogan air an t‑Sàbaid.


Agus fhreagair Ìosa an luchd‑lagha agus na Pharasaich, ag ràdh, “A bheil e ceadaichte leigheas a dhèanamh air latha na Sàbaid no nach eil?”


Agus thàinig e gu Nàsaret, far an do thogadh e, 's mar a b' fhasan dha, chaidh e a‑steach dhan t‑sionagog air latha na Sàbaid, is sheas e airson leughadh.


Agus chaidh e sìos gu Capernàum, baile ann an Galile, agus bha e gan teagasg air an t‑Sàbaid,


Air latha Sàbaid, fhad 's a bha e a' dol tro na h‑achaidhean arbhair, spìon agus dh'ith a dheisciobail diasan arbhair, gan suathadh len làmhan.


Agus thuirt e riutha, “Is e Mac an Duine Tighearna na Sàbaid.”


Annta sin bha nan laighe mòran a bha tinn, dall, bacach agus seargte.


Thuirt cuid dhe na Pharasaich, “Chan eil an duine seo o Dhia, a chionn 's nach eil e a' cumail na Sàbaid.” Ach thuirt cuid eile, “Ciamar as urrainn do dhuine a tha na pheacach a leithid seo de chomharraidhean mìorbhaileach a dhèanamh?” Agus bha sgaradh nam measg.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan