Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 6:22 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

22 Is beannaichte sibh, nuair a bheir daoine fuath dhuibh, agus a dhùineas iad a‑mach sibh agus a bheir iad droch bheul dhuibh agus a dhiùltas iad mar olc ur n‑ainm, air sgàth Mhic an Duine.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

22 Is beannaichte sibh, nuair a bheir daoine fuath dhuibh, agus a chuireas iad as an cuideachd sibh, agus a bheir iad cainnt mhaslach dhuibh, agus a thilgeas iad a‑mach ur n‑ainm mar olc, airson Mac an Duine.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

22 Is beannaichte sibh, nuair a bheir daoine fuath dhuibh, agus a chuireas iad as an cuideachd sibh, agus a bheir iad cainnt mhaslach dhuibh, agus a thilgeas iad a‑mach ur n‑ainm mar olc, airson Mac an Duine.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

22 Is beannaichte a bhios sibh, nuair bheir daoine fuath dhuibh, ʼsa thearbas iad sibh, ʼsa mhaslaicheas iad sibh, ʼsa thilgeas iad a mach ur n-ainm mar olc, as leth Mhic an duine.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 6:22
29 Iomraidhean Croise  

agus thèid ur toirt mu choinneamh riaghladairean agus rìghrean air mo sgàth‑sa, mar fhianais dhaibhsan agus dha na Cinnich.


agus bidh fuath aig a h‑uile duine dhuibh air sgàth m' ainme‑sa, ach ge b' e a leanas air chun na crìche bidh e air a shàbhaladh.


Ge b' e cò a lorgas a bheatha, caillidh e i, agus ge b' e cò a chailleas a bheatha air mo shon‑sa, lorgaidh e i.


Mar sin thilg iad a‑mach às an fhìon‑lios e agus mharbh iad e. “Dè an uair sin a nì am fear leis an robh am fìon‑lios riutha?


Fuathaichidh gach neach sibh air sgàth m' ainme‑sa.


Is beannaichte sibhse a tha acrach a‑nis, oir thèid ur sàsachadh. Is beannaichte sibhse a tha a' caoineadh a‑nis, oir nì sibh gàire.


A dh'aindeoin sin, chreid mòran fiù 's dhen luchd‑riaghlaidh ann. Ach air sgàth nam Pharasach cha do dh'aidich iad e, airson 's nach deigheadh an cur a‑mach às an t‑sionagog;


Cuiridh iad às an t‑sionagog sibh; dha‑rìribh tha an uair a' tighinn nuair a shaoileas ge b' e cò a mharbhas sibh gu bheil e a' tairgse seirbheis do Dhia.


Tha mi air d' fhacal a thoirt dhaibh, agus bha fuath aig an t‑saoghal dhaibh a chionn 's nach ann dhen t‑saoghal a tha iad, dìreach mar nach eil mise dhen t‑saoghal.


Chan urrainn dhan t‑saoghal sibhse fhuathachadh; ach tha fuath aige dhòmhsa a chionn 's gu bheil mi a' toirt fianais ma dheidhinn gu bheil na h‑obraichean aige olc.


Fhreagair iadsan e, “Rugadh thusa uile‑gu‑lèir ann am peacaidhean, agus a bheil thu gar teagasg‑ne?” Agus thilg iad a‑mach e.


Dh'èist iad ris suas chun an fhacail seo. An uair sin thog iad an guthan ag ràdh, “Air falbh le a leithid de dhuine on talamh! Oir cha bu chòir gun deigheadh leigeil leis a bhith beò!”


“Oir fhuair sinn am fear seo na phlàigh, fear a tha a' brosnachadh ùpraidean am measg nan Iùdhach uile air feadh an t‑saoghail 's a tha na cheann‑feadhna de bhuidheann nan Nàsarènach.


Oir seallaidh mise dha uimhir 's a dh'fheumas e fhulang air sgàth m' ainm‑sa.”


Is beannaichte an duine a dh'fhuilingeas buaireadh, oir air a dhearbhadh, gheibh e crùn na beatha, a gheall Dia dhan fheadhainn aig a bheil gràdh dha.


Ach eadhon ma dh'fhuilingeas sibh air sgàth fìreantachd, tha sibh beannaichte. “Ach na biodh eagal oirbh on chùis‑eagail acasan 's na bithibh air ur buaireadh.”


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan