Lùcas 6:1 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 20171 Air latha Sàbaid, fhad 's a bha e a' dol tro na h‑achaidhean arbhair, spìon agus dh'ith a dheisciobail diasan arbhair, gan suathadh len làmhan. Faic an caibideilAm Bìoball Gàidhlig 19921 Agus thàrladh air a’ chiad là sàbaid an dèidh an dara là de fhèill na càisge gun deachaidh e tro na h‑achaidhean arbhair; agus spìon a dheisciobail na diasan arbhair, agus dh’ith iad, an dèidh am bruthadh len làmhan. Faic an caibideilAm Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Agus thàrladh air a’ chiad là sàbaid an dèidh an dara là de fhèill na càisge gun deachaidh e tro na h‑achaidhean arbhair; agus spìon a dheisciobail na diasan arbhair, agus dh’ith iad, an dèidh am bruthadh len làmhan. Faic an caibideilTiomnadh Nuadh (MacEachen) 18751 A nis thachair air an ath chiad shàbaid, nuair a bha e triall tromh na raointean arbhair, gun robh a dheisciopuil a spionadh dhias, ʼs gan ithe, an deigh an suathadh ʼnan lamhan. Faic an caibideil |