Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 5:34 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

34 Agus thuirt Ìosa riutha, “An urrainn dhuibh toirt air fleasgaich na bainnse trasgadh, fhad 's a tha fear na bainnse còmhla riutha?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

34 Agus thubhairt esan riu, Am faod sibh a thoirt air cloinn seòmar an fhir nuadh-phòsda trasg a dhèanamh, am feadh a tha am fear nuadh-pòsda maille riu?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

34 Agus thubhairt esan riu, Am faod sibh a thoirt air cloinn seòmar an fhir nuadh‐phòsda trasg a dhèanamh, am feadh a tha am fear nuadh‐pòsda maille riu?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

34 Thuirt e riu: An urrainn duibh a thoirt air fleasgaich fear-na-bainnse traisg a dhianamh, fhad ʼsa bhios fear-na-bainnse comhla riu?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 5:34
18 Iomraidhean Croise  

“Faodaidh rìoghachd nèimh a bhith air a samhlachadh ri rìgh a rinn fèist‑bainnse dha mhac.


Agus thuirt Ìosa riutha, “An urrainn do fhleasgaich na bainnse a bhith brònach fhad 's a tha fear na bainnse còmhla riutha? Ach thig na làithean anns an tèid fear na bainnse a thoirt air falbh uapa, agus an uair sin nì iad trasgadh.


Agus thuirt iadsan ris, “Tha deisciobail Eòin gu tric a' trasgadh agus a' dèanamh ùrnaigh, agus tha 's deisciobail nam Pharasach, ach tha an fheadhainn agadsa ag ithe agus ag òl.”


Ach thig na làithean nuair a thèid fear na bainnse a thoirt uapa; agus an uair sin trasgaidh iad anns na làithean sin.”


Am fear aig a bheil bean na bainnse is esan fear na bainnse, ach tha caraid fhir na bainnse a tha na sheasamh agus ag èisteachd ris làn aoibhneis nuair a chluinneas e guth fhir na bainnse. Mar sin tha an t‑aoibhneas seo agamsa air a choileanadh.


Oir tha mi eudmhor mur deidhinn le eud diadhaidh; oir rinn mi ceangal‑pòsaidh eadar sibhse is aon fhear, airson 's gum faodainn ur nochdadh mar òigh fhìorghlan do Chrìosd.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan