Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 5:2 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

2 agus chunnaic e dà eathar aig oir an locha, ach bha na h‑iasgairean air a dhol a‑mach asta, agus bha iad a' nighe na lìn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

2 Agus chunnaic e dà luing nan seasamh ri taobh an loch: ach bha na h‑iasgairean air dol a‑mach asda, agus a’ nighe an lìon.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

2 Agus chunnaic e dà luing nan seasamh ri taobh an loch: ach bha na h‑iasgairean air dol a‑mach asda, agus a’ nighe an lìon.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

2 Agus chunnaic e dà shaghach ʼnan seasamh aig oir an loch: ach bha na h-iasgairean air tighinn asda, agus bha iad a nighe nan lion.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 5:2
7 Iomraidhean Croise  

Agus fhad 's a bha e a' coiseachd ri taobh Muir Ghalile, chunnaic e dithis bhràithrean, Sìmon (ris an canar Peadar) agus Anndra a bhràthair, a' tilgeil lìon dhan mhuir, oir b' e iasgairean a bh' annta.


Agus a' dol air adhart às a sin, chunnaic e dithis bhràithrean eile, Seumas mac Shebede agus Eòin a bhràthair, anns an eathar còmhla rin athair Sebede, a' càradh an lìn, agus ghairm e iad.


Agus a' coiseachd ri taobh Muir Ghalile, chunnaic e Sìmon agus Anndra a bhràthair a' tilgeil lìon dhan mhuir, oir b' e iasgairean a bh' annta.


Agus a' dol beagan air adhart, chunnaic e Seumas mac Shebede agus Eòin a bhràthair san eathar a' càradh an lìon.


Ach thachair, nuair a bha an sluagh a' teannadh dlùth ris airson facal Dhè a chluinntinn, gun do sheas e ri taobh loch Ghenesaret,


Agus chaidh e a‑steach a dh'aon dhe na h‑eathraichean, a bha le Sìmon, agus dh'iarr e air a dhol a‑mach beagan o thìr. Agus shuidh e sìos is theagaisg e an sluagh on eathar.


B' e Anndra, bràthair Shìmoin Pheadair, fear dhen dithis a chuala na thuirt Eòin agus a lean Ìosa.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan