Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 5:16 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

16 Agus dheigheadh e air leth do dh'àiteachan fàsail, agus dhèanadh e ùrnaigh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

16 Agus chaidh e air leth a‑chum an fhàsaich, agus rinn e ùrnaigh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

16 Agus chaidh e air leth a‑chum an fhàsaich, agus rinn e ùrnaigh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

16 Agus chaidh e lethtaobh doʼn fhasach, us rinn e urnaigh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 5:16
8 Iomraidhean Croise  

Agus às dèidh an sluagh a chur air falbh, chaidh e suas dhan bheinn leis fhèin a dh'ùrnaigh. Nuair a thàinig am feasgar, bha e an sin na aonar.


Às dèidh dha beannachd fhàgail aca, chaidh e suas dhan bheinn a dh'ùrnaigh.


A‑nis, nuair a bha an sluagh gu lèir air am baisteadh, agus Ìosa cuideachd air a bhaisteadh, agus e ag ùrnaigh, chaidh nèamh fhosgladh,


Anns na làithean sin chaidh esan a‑mach chun na beinne a dhèanamh ùrnaigh, agus chuir e seachad fad na h‑oidhche ann an ùrnaigh ri Dia.


Mu ochd latha às dèidh nam faclan seo, thug e leis Peadar is Eòin is Seumas suas a' bheinn a dhèanamh ùrnaigh.


Agus fhad 's a bha e ag ùrnaigh, chaidh coltas aghaidh atharrachadh, agus dh'fhàs an t‑aodach aige geal mar bhoillsgeadh dealanaich.


Mar sin nuair a thuig Ìosa gun robh iad am beachd tighinn agus breith air le làimh làidir airson 's gun dèanadh iad rìgh dheth, tharraing e air ais a‑rithist dhan bheinn na aonar.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan