Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 5:13 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

13 Agus shìn Ìosa a làmh a‑mach agus bhean e ris, ag ràdh, “Is miann leam. Bi glan!” Agus anns a' bhad dh'fhàg an luibhre e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

13 Agus shìn e a làmh, agus bhean e ris, ag ràdh, Is toil leam; bi glan. Agus air ball dh’fhàg an luibhre e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

13 Agus shìn e a làmh, agus bhean e ris, ag ràdh, Is toil leam; bi glan. Agus air ball dh’fhàg an luibhre e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

13 ʼSa sineadh a laimh, bhean e dha, a g-radh: Is math leam: Bi glan. Agus dhealaich a mhùir ris san uair.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 5:13
15 Iomraidhean Croise  

Agus shìn Ìosa a‑mach a làmh agus bhean e dha, ag ràdh, “Is miann leam. Bi glan!” Agus anns a' bhad bha an luibhre air a glanadh.


Agus sheas e os a cionn, chronaich e am fiabhras, agus dh'fhàg e i. Agus dh'èirich i sa bhad, agus fhritheil i dhaibh.


Fhad 's a bha esan ann an aon dhe na bailtean, thàinig duine làn de luibhre. Nuair a chunnaic e Ìosa, thuit e sìos air aghaidh agus ghuidh e air, “A Thighearna, mas miann leat, tha thu comasach air mise a dhèanamh glan.”


Agus dh'àithn e dha gun innse do neach sam bith; “Ach thalla, agus seall thu fhèin dhan t‑sagart, agus tairg ìobairt airson do ghlanaidh mar fhianais dhaibh, mar a dh'àithn Maois.”


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan