Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 5:12 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

12 Fhad 's a bha esan ann an aon dhe na bailtean, thàinig duine làn de luibhre. Nuair a chunnaic e Ìosa, thuit e sìos air aghaidh agus ghuidh e air, “A Thighearna, mas miann leat, tha thu comasach air mise a dhèanamh glan.”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

12 Agus nuair a bha esan ann am baile àraidh, feuch duine làn de luibhre: agus air dha Iosa fhaicinn, thuit e sìos air a aghaidh, agus ghuidh e air, ag ràdh, A Thighearna, mas toil leat, tha thu comasach air mise a ghlanadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

12 Agus nuair a bha esan ann am baile àraidh, feuch duine làn de luibhre: agus air dha Iosa fhaicinn, thuit e sìos air a aghaidh, agus ghuidh e air, ag ràdh, A Thighearna, mas toil leat, tha thu comasach air mise a ghlanadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

12 Agus thachair, nuair bha e am baile araid, seall duine lan deʼn mhùir, ʼs e faicinn Iosa, thuit e air aghaidh, us ghuidh e air, a g-radh: Ma ʼs math leat, a Thighearna, is urrainn dhut mo ghlanadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 5:12
27 Iomraidhean Croise  

A‑nis nuair a bha Ìosa ann am Betani ann an taigh Shìmoin an lobhar,


Nuair a chaidh e a‑steach dhan taigh, thàinig na doill thuige, agus thuirt Ìosa riutha, “A bheil sibh a' creidsinn gu bheil mise comasach air seo a dhèanamh?” Thuirt iad ris, “Tha, a Thighearna.”


Agus ghuidh e gu dùrachdach air, ag ràdh, “Tha mo nighean bheag ri uchd bàis. Thig, tha mi a' guidhe ort, agus cuir do làmhan oirre airson 's gun tèid a slànachadh, agus gum bi i beò.”


agus thuit e air aghaidh aig casan Ìosa, a' toirt taing dha – agus b' e Samaritanach a bh' ann.


Agus shìn Ìosa a làmh a‑mach agus bhean e ris, ag ràdh, “Is miann leam. Bi glan!” Agus anns a' bhad dh'fhàg an luibhre e.


Agus mar sin, tha esan comasach air iadsan a thig gu Dia troimhesan a shàbhaladh gu h‑iomlan, oir tha e beò gu sìorraidh airson guidhe air an son.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan