Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 4:7 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

7 Mar sin, ma nì thu adhradh dhòmhsa, is ann leatsa a bhios e gu lèir.”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

7 Uime sin ma nì thu adhradh dhòmhsa, is leat iad uile.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

7 Uime sin ma nì thu adhradh dhòmhsa, is leat iad uile.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

7 Ma ni thu ma ta aoradh am lathair, is leat iad uile.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 4:7
11 Iomraidhean Croise  

Agus a' dol a‑steach dhan taigh, chunnaic iad am pàiste còmhla ri Moire a mhàthair, agus thuit iad sìos is rinn iad adhradh dha. An uair sin, a' fosgladh nan ionmhasan aca, thairg iad tiodhlacan dha: òr is tùis is mirr.


agus thuit e air aghaidh aig casan Ìosa, a' toirt taing dha – agus b' e Samaritanach a bh' ann.


Agus thuirt an diabhal ris, “Bheir mise dhutsa an t‑ùghdarras seo gu lèir agus a' ghlòir aca, oir chaidh a thoirt thairis dhòmhsa, agus tha mi ga thoirt do neach sam bith as toigh leam.


Agus fhreagair Ìosa e, “Tha e sgrìobhte, ‘Nì thu adhradh dhan Tighearna do Dhia, agus dhàsan a‑mhàin nì thu seirbheis.’”


Nuair a chunnaic e Ìosa, dh'èigh e a‑mach agus thuit e sìos ma choinneamh agus thuirt e le guth àrd, “Dè mo ghnothach riutsa, Ìosa, a Mhic an Dè as ro àirde? Tha mi a' guidhe ort gun mo chur fo àmhghar.”


Agus is mise Eòin, a chuala 's a chunnaic na rudan seo. Agus nuair a chuala 's a chunnaic mi iad, thuit mi a dh'adhradh aig casan an aingil a dh'fhoillsich na rudan seo dhomh.


tuitidh na fichead 's a ceithir èildear mu choinneamh‑san a tha na shuidhe air an rìgh‑chathair agus nì iad adhradh dhàsan a tha beò gu saoghal nan saoghal, agus tilgidh iad an crùintean mu choinneamh na rìgh‑chathrach, ag ràdh:


Agus nuair a thug e uaithe an rolla, thuit na ceithir creutairean beòtha agus na fichead 's a ceithir èildear mu choinneamh an Uain; agus bha clàrsach agus bobhlaichean òir, a bha làn tùise, aig gach fear dhiubh; is e sin ùrnaighean nan naomh.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan