Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 4:6 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

6 Agus thuirt an diabhal ris, “Bheir mise dhutsa an t‑ùghdarras seo gu lèir agus a' ghlòir aca, oir chaidh a thoirt thairis dhòmhsa, agus tha mi ga thoirt do neach sam bith as toigh leam.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

6 Agus thubhairt an diabhal ris, Bheir mise an cumhachd seo uile dhut, agus an glòir; oir thugadh dhòmhsa sin; agus bheir mi e do neach air bith as toil leam.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

6 Agus thubhairt an diabhal ris, Bheir mise an cumhachd seo uile dhut, agus an glòir; oir thugadh dhòmhsa sin; agus bheir mi e do neach air bith as toil leam.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

6 Us thuirt e ris: Bheir mi dhut a chumhachd so uile ʼs an gloir: oir thugadh dhomhsʼ iad, agus bheir mi iad doʼn neach is aill leam.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 4:6
15 Iomraidhean Croise  

Mar sin, ma nì thu adhradh dhòmhsa, is ann leatsa a bhios e gu lèir.”


A‑nis tha breitheanas an t‑saoghail seo ann; a‑nis bidh riaghladair an t‑saoghail seo air a thilgeil a‑mach.


Cha dèan mi mòran bruidhne còmhla ribh tuilleadh, oir tha riaghladair an t‑saoghail seo a' tighinn, agus chan eil grèim sam bith aigesan orm,


Tha sibhse o ur n‑athair an diabhal agus is iad miannan ur n‑athar as toigh leibh a dhèanamh. Bha esan na mhurtair on toiseach, agus cha sheas e anns an fhìrinn, a chionn 's nach eil fìrinn ann. Nuair a dh'innseas e breug, is ann uaithe fhèin a tha e a' bruidhinn, oir is e breugaire a th' ann agus is esan athair na brèige.


Agus chan iongnadh sin, oir tha fiù 's Sàtan ga chur fhèin ann an riochd aingeal solais.


anns an do choisich sibh roimhe a rèir cùrsa an t‑saoghail seo, a rèir riaghladair cumhachd an adhair, an spiorad a tha a‑nis ag obrachadh ann an cloinn na h‑eas‑ùmhlachd,


Oir: “Tha a h‑uile feòil mar fheur, agus a ghlòir gu lèir mar bhlàth an fheòir, shearg am feur agus thuit am blàth dheth.


Tha fios againn gur ann le Dia a tha sinne agus gu bheil an saoghal gu lèir na laighe fo chumhachd an fhir uilc.


Agus chaidh an dràgon mòr a thilgeil sìos, an seann nathair, esan ris an canar an Diabhal, agus Sàtan, esan a tha a' mealladh an saoghal gu lèir, chaidh a thilgeil chun na talmhainn, agus bha na h‑ainglean aige air an tilgeil sìos còmhla ris.


Agus bha a' bhiast a chunnaic mi mar liopard agus a casan mar fheadhainn mathain, agus a beul mar bheul leòmhainn agus thug an dràgon dhi a chumhachd‑san agus a rìgh‑chathair‑san agus ùghdarras mòr.


Agus chaidh a cheadachadh dhi cogadh a dhèanamh an aghaidh nan naomh agus buaidh fhaighinn thairis orra, agus chaidh ùghdarras a thoirt dhi thar a h‑uile treubh is sluagh is teanga is nàisean.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan