Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 4:43 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

43 Ach thuirt esan riutha, “Feumaidh mi soisgeul rìoghachd Dhè a shearmonachadh dha na bailtean eile cuideachd, oir is ann airson seo a chaidh mo chur a‑mach.”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

43 Ach thubhairt esan riu, Is èiginn dhòmhsa rìoghachd Dhè a shearmonachadh do bhailtean eile mar an ceudna; oir is ann a‑chum seo a chuireadh mi.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

43 Ach thubhairt esan riu, Is èiginn dhòmhsa rìoghachd Dhè a shearmonachadh do bhailtean eile mar an ceudna; oir is ann a‑chum seo a chuireadh mi.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

43 Ach thuirt e riu: Feumaidh mi rioghachd Dhe shearmonachadh do bhailtean eile: oir ʼsann air son sin a chaidh mo chur.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 4:43
12 Iomraidhean Croise  

Agus bha e a' dol tro Ghalile uile, a' teagasg anns na sionagogan aca is a' searmonachadh soisgeul na rìoghachd agus a' slànachadh gach gnè tinneis is gach gnè bochdainn am measg an t‑sluaigh.


Agus ag èirigh fìor thràth sa mhadainn, fhad 's a bha e fhathast dorcha, dh'fhalbh e agus chaidh e gu àite fàsail, agus an sin bha e ag ùrnaigh.


Mar sin thuirt Ìosa riutha a‑rithist, “Sìth dhuibh! Mar a chuir an t‑Athair a‑mach mise, mar sin tha mise cuideachd gur cur‑se a‑mach.”


Feumaidh sinn obraichean an aoin a chuir a‑mach mi a dhèanamh, cho fada 's a tha an latha ann. Tha an oidhche a' tighinn, nuair nach urrainn do neach sam bith obair a dhèanamh.


mar a dh'ung Dia Ìosa o Nàsaret leis an Spiorad Naomh is le cumhachd, agus mar a chaidh e mun cuairt a' dèanamh maith agus gan slànachadh‑san uile a bh' air an claoidh leis an diabhal, oir bha Dia còmhla ris.


searmonaich am facal, bi deiseil nuair a tha e goireasach 's nuair nach eil e goireasach, thoir am follais, cronaich, misnich, leis a h‑uile fhad‑fhulangas is theagasg.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan