Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 4:41 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

41 Agus bha deamhain cuideachd a' tighinn a‑mach à mòran, ag èigheach, “Is tusa Mac Dhè.” Ach chronaich e iad agus cha leigeadh e leotha bruidhinn, oir bha fios aca gum b' esan an Crìosd.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

41 Agus chaidh mar an ceudna deamhain a‑mach à mòran, a’ glaodhaich agus ag ràdh, Is tu Crìosd Mac Dhè. Agus chronaich e iad, agus cha d’fhuiling e dhaibh labhairt: oir bha fhios aca gum b’esan Crìosd.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

41 Agus chaidh mar an ceudna deamhain a‑mach à mòran, a’ glaodhaich agus ag ràdh, Is tu Crìosd Mac Dhè. Agus chronaich e iad, agus cha d’fhuiling e dhaibh labhairt: oir bha fhios aca gum b’esan Crìosd.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

41 Agus chaidh na deomhain a mach á moran, a glaodhaich ʼsa g-radh: Is tu Mac Dhe. Us gan cronachadh, cha leigeadh e leo labhairt; oir bʼaithne dhaibh gum bʼe an Criosta.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 4:41
14 Iomraidhean Croise  

Ach dh'fhan Ìosa sàmhach. Agus thuirt an t‑àrd‑shagart ris, “Tha mi gad chur fo mhionnan tron Dia bheò, innis dhuinn mas tu an Crìosd, Mac Dhè?”


Agus thàinig am buaireadair is thuirt e, “Mas tu Mac Dhè, can ris na clachan seo tionndadh nan aran.”


Nuair a thàinig am feasgar thug iad thuige mòran a bha fo chumhachd dheamhan, agus thilg e a‑mach na spioradan le facal, agus shlànaich e iadsan uile a bha tinn.


Agus seall, dh'èigh iad, “Dè an gnothach a th' agad leinne, a Mhic Dhè? An tàinig thu an seo airson ar cur fo àmhghar ron àm?”


Agus thuirt Ìosa ris, “Feuch nach innis thu rud sam bith do neach sam bith. Ach thalla agus seall thu fhèin dhan t‑sagart agus tairg an tiodhlac, mar fhianais dhaibh, a dh'àithn Maois.”


Agus chronaich Ìosa e, ag ràdh, “Bi sàmhach agus thig a‑mach às!”


Air an fheasgar sin aig dol sìos na grèine bha iad gan toirt‑san uile a bha tinn thuige, agus iadsan a bha fo chumhachd dheamhan.


Agus leighis e mòran a bha tinn le iomadh seòrsa tinneis, agus thilg e a‑mach mòran dheamhain, agus cha cheadaicheadh e dha na deamhain bruidhinn, a chionn 's gum b' aithne dhaibh e.


Agus uair sam bith a chunnaic na spioradan neòghlan e, thuiteadh iad sìos ma choinneamh agus ghlaodhadh iad a‑mach, “Is tusa Mac Dhè.”


Agus sheas e os a cionn, chronaich e am fiabhras, agus dh'fhàg e i. Agus dh'èirich i sa bhad, agus fhritheil i dhaibh.


Ach tha iad seo sgrìobhte airson 's gun creideadh sibh gur e Ìosa an Crìosd, Mac Dhè, agus tro bhith a' creidsinn, gum biodh beatha agaibh na ainm‑san.


Tha thu a' creidsinn gu bheil Dia na aon; is math a tha thu a' dèanamh. Tha fiù 's na deamhain a' creidsinn 's a' dol air chrith.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan