Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 4:34 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

34 “À! Dè do ghnothach‑sa rinne, Ìosa o Nàsaret? An tàinig thu gar sgrios? Is aithne dhòmhsa cò thu – Aon Naomh Dhè.”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

34 Ag ràdh, Leig leinn; ciod e ar gnothach-ne riut, Iosa o Nàsaret? An tàinig thu gar sgrios? Tha fhios agam cò thu, Aon naomh Dhè.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

34 Ag ràdh, Leig leinn; ciod e ar gnothach‐ne riut, Iosa o Nàsaret? An tàinig thu gar sgrios? Tha fhios agam cò thu, Aon naomh Dhè.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

34 A g-radh: Leig leinn, ciod an comunn eadar sinn agus thusa, Iosa bho Nasareth? an ann gus ur sgrios a thainig thu? Is aithne dhomh co thu, Aon Naomh Dhe.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 4:34
22 Iomraidhean Croise  

Agus seall, dh'èigh iad, “Dè an gnothach a th' agad leinne, a Mhic Dhè? An tàinig thu an seo airson ar cur fo àmhghar ron àm?”


ag ràdh, “Dè do ghnothach‑sa rinne, Ìosa o Nàsaret? An tàinig thu gar sgrios? Is aithne dhòmhsa cò thu – Aon Naomh Dhè.”


Agus leighis e mòran a bha tinn le iomadh seòrsa tinneis, agus thilg e a‑mach mòran dheamhain, agus cha cheadaicheadh e dha na deamhain bruidhinn, a chionn 's gum b' aithne dhaibh e.


Agus dh'èigh e le guth àrd, is thuirt e, “Dè mo ghnothach riutsa, Ìosa, a Mhic an Dè as ro àirde? Tha mi a' guidhe ort, tro Dhia, gun mo chur fo àmhghar.”


Agus fhreagair an t‑aingeal i, “Thig an Spiorad Naomh ort, agus cuiridh cumhachd an Aoin as Àirde sgàil ort. Mar sin, an leanabh naomh a bhios air a bhreith, gabhaidh iad Mac Dhè air.


Agus anns an t‑sionagog bha duine anns an robh spiorad deamhain neòghlain, agus dh'èigh e le guth mòr,


Agus bha deamhain cuideachd a' tighinn a‑mach à mòran, ag èigheach, “Is tusa Mac Dhè.” Ach chronaich e iad agus cha leigeadh e leotha bruidhinn, oir bha fios aca gum b' esan an Crìosd.


Nuair a chunnaic e Ìosa, dh'èigh e a‑mach agus thuit e sìos ma choinneamh agus thuirt e le guth àrd, “Dè mo ghnothach riutsa, Ìosa, a Mhic an Dè as ro àirde? Tha mi a' guidhe ort gun mo chur fo àmhghar.”


An uair sin dh'iarr uile shluagh na dùthcha mun cuairt nan Gerasèanach airsan falbh uapa, oir chaidh an glacadh le eagal mòr. Mar sin chaidh e do dh'eathar agus thill e air ais.


Mar sin thàinig iad agus ghuidh iad orra is thug iad a‑mach iad agus dh'iarr iad orra falbh a‑mach às a' bhaile.


Oir chan fhàg thu m' anam ann an Ifrinn, cha mhotha a leigeas tu led Aon Naomh gum faic e truaillidheachd.


Ach dh'àich sibhse an t‑Aon Naomh agus Fìreanta, agus dh'iarr sibh gum biodh murtair air a shaoradh dhuibh,


“Oir gu fìrinneach sa bhaile seo bha, air an cruinneachadh còmhla an aghaidh do sheirbheisich naoimh Ìosa, a dh'ung thu, an dà chuid Herod is Pontius Pìlat, còmhla ris na Cinnich is slòigh Israeil,


A nis, ma‑thà, a chionn 's gu bheil compàirteachadh dhe fhuil 's dhe fheòil aig a' chloinn, san aon dòigh, ghabh esan cuideachd pàirt sna h‑aon rudan, airson 's, tron bhàs, gun sgriosadh e esan aig an robh cumhachd a' bhàis – 's e sin an diabhal –


Tha thu a' creidsinn gu bheil Dia na aon; is math a tha thu a' dèanamh. Tha fiù 's na deamhain a' creidsinn 's a' dol air chrith.


Tha an neach a tha ris a' pheacadh on diabhal, on a tha an diabhal air a bhith a' peacachadh on toiseach. B' ann air a shon seo a nochd Mac Dhè, airson 's gun cuireadh e às do dh'obraichean an diabhail.


Agus ghlac e an dràgon, an t‑seann nathair, as e an Diabhal agus Sàtan, is cheangail esan e airson mìle bliadhna.


“Agus gu aingeal na h‑eaglaise ann am Philadelphia, sgrìobh: Seo na rudan a tha esan ag ràdh, an Aon Naomh, an Aon Fìor, an Aon aig a bheil iuchair Dhaibhidh, an Aon a tha a' fosgladh 's nach dùin neach sam bith, agus a dhùineas is nach fosgail neach sam bith:


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan