Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 4:23 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

23 Agus thuirt e riutha, “Gun amharas canaidh sibh an gnàth‑fhacal seo rium: ‘A lighiche, leighis thu fhèin! Na chuala sinn a rinn thu ann an Capernàum, dèan an seo na do bhaile fhèin cuideachd.’”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

23 Agus thubhairt e riu, Gun amharas thubhairt sibh rium an gnàth-fhacal seo, A lèigh, leighis thu fhèin: ge bè air bith iad na nithean a chuala sinn a rinneadh leat an Capernàum, dèan mar an ceudna iad an seo ad dhùthaich fhèin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

23 Agus thubhairt e riu, Gun amharas thubhairt sibh rium an gnàth‐fhacal seo, A lèigh, leighis thu fhèin: ge bè air bith iad na nithean a chuala sinn a rinneadh leat an Capernàum, dèan mar an ceudna iad an seo ad dhùthaich fhèin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

23 Us thuirt e riu: Gun teagamh their sibh an sean-fhacal so rium: A lighich, leighis thu fhein: dian nichean cho mor, ʼsa chuala sinn a rinn thu an Capharnaum, an so na dʼ dhuthaich fhein.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 4:23
20 Iomraidhean Croise  

agus a' tighinn gu a bhaile fhèin, theagaisg e iad nan sionagog; mar sin ghabh iad iongnadh, agus thuirt iad, “Càit an d' fhuair am fear seo an gliocas seo, agus na h‑obraichean cumhachdach seo?


Agus a' fàgail Nàsaret chaidh e agus dh'fhuirich e aig Capernàum ri taobh na mara, ann an ceàrnaidhean Shabuloin is Nephtali –


Agus bha e a' dol tro Ghalile uile, a' teagasg anns na sionagogan aca is a' searmonachadh soisgeul na rìoghachd agus a' slànachadh gach gnè tinneis is gach gnè bochdainn am measg an t‑sluaigh.


Chaidh e air falbh às a sin, agus thàinig e gu a bhaile fhèin, agus lean a dheisciobail e.


Agus nuair a choilean iad a h‑uile rud a rèir Lagh an Tighearna, thill iad a Ghalile, dham baile fhèin, Nàsaret.


Agus chaidh e sìos còmhla riutha is thàinig e gu Nàsaret agus bha e umhail dhaibh. Ach ghlèidh a mhàthair na rudan sin uile na cridhe.


Agus thàinig e gu Nàsaret, far an do thogadh e, 's mar a b' fhasan dha, chaidh e a‑steach dhan t‑sionagog air latha na Sàbaid, is sheas e airson leughadh.


Agus chaidh e sìos gu Capernàum, baile ann an Galile, agus bha e gan teagasg air an t‑Sàbaid,


Agus chronaich Ìosa e, ag ràdh, “Bi sàmhach agus thig a‑mach às.” Agus nuair a bha an deamhan air esan a thilgeil sìos nam measg, thàinig e a‑mach às gun chron sam bith a dhèanamh air.


No ciamar as urrainn dhut a ràdh rid bhràthair, ‘A bhràthair, leig leam an spealg a tha na do shùil a thoirt aiste,’ nuair nach eil thusa a' faicinn na sail a tha na do shùil fhèin? A bhreug‑chràbhaiche, an toiseach thoir an t‑sail às do shùil fhèin, agus an uair sin chì thu gu soilleir airson na speilg a thoirt à sùil do bhràthar.


Mar sin, a' fàgail a soitheach‑uisge, dh'fhalbh am boireannach dhan bhaile agus thuirt i ris na daoine,


Mar sin, à seo suas chan aithne dhuinn duine sam bith a rèir na feòla; fiù 's ged a b' aithne dhuinn Crìosd a rèir na feòla, ach a‑nis chan aithne dhuinn e mar seo tuilleadh.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan