Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 4:17 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

17 Agus chaidh rolla an fhàidh Isaiah a thoirt dha. Agus dh'fhuasgail e an rolla is lorg e an t‑àite far a bheil e sgrìobhte:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

17 Agus thugadh dha leabhar an fhàidh Esaias; agus air fosgladh an leabhair dha, fhuair e an t‑àit anns an robh e sgrìobhte,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

17 Agus thugadh dha leabhar an fhàidh Esaias; agus air fosgladh an leabhair dha, fhuair e an t‑àit anns an robh e sgrìobhte,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

17 Agus thugadh dha leabhar an fhaidh Isaias. ʼSa fosgladh an leabhair, fhuair e an t-aite anns an robh e sgriobhte:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 4:17
9 Iomraidhean Croise  

“Ach thuirt Abrahàm, ‘Tha Maois agus na fàidhean aca; èisteadh iad riuthasan.’


Oir tha Daibhidh fhèin ag ràdh ann an leabhar nan Salm: “‘Thuirt an Tighearna rim Thighearna: Suidh aig mo dheas‑làimh


Agus thàinig e gu Nàsaret, far an do thogadh e, 's mar a b' fhasan dha, chaidh e a‑steach dhan t‑sionagog air latha na Sàbaid, is sheas e airson leughadh.


“Tha Spiorad an Tighearna orm, a chionn 's gun do dh'ung e mi airson an deagh sgeòil a shearmonachadh dha na bochdan. Tha e air mo chur a ghairm saorsa dha na braighdean agus fradharc air aiseag dha na doill, a thoirt saorsa dhan mhuinntir a tha air an claoidh,


Agus roilig e suas an rolla, thug e air ais dhan fhear‑frithealaidh e, is shuidh e. Agus bha sùilean a h‑uile duine a bh' anns an t‑sionagog a' coimhead gu geur air.


Às dèidh leughadh on Lagh agus o na Fàidhean, chuir riaghladairean an t‑sionagoig fios thuca, ag ràdh, “A bhràithrean, ma tha facal earalachaidh agaibh dhan t‑sluagh, canaibh e.”


Oir iadsan a tha a' fuireach ann an Ierusalem, agus na riaghladairean aca, a chionn 's nach do dh'aithnich iad esan no guthan nam fàidhean a th' air an leughadh gach Sàbaid, choilean iadsan iad le bhith ga dhìteadh‑san.


Ach thionndaidh Dia air falbh, agus thug e thairis iad gus adhradh a dhèanamh do dh'armailt nèimh, a rèir mar a tha e sgrìobhte ann an leabhar nam fàidhean: “‘An tug sibh thugam beathaichean marbhte agus ìobairtean, fad ceathrad bliadhna san fhàsach, a thaigh Israeil?


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan