Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 4:14 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

14 Agus thill Ìosa a Ghalile ann an cumhachd an Spioraid, agus chaidh iomradh ma dheidhinn a‑mach air feadh a' cheàrnaidh mun cuairt gu lèir.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

14 Agus thill Iosa ann an cumhachd an Spioraid a‑chum Ghalile: agus chaidh a iomradh-san air feadh na dùthcha mun cuairt gu h‑iomlan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

14 Agus thill Iosa ann an cumhachd an Spioraid a‑chum Ghalile: agus chaidh a iomradh‐san air feadh na dùthcha mun cuairt gu h‑iomlan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

14 Agus thill Iosa ann an neart an Spioraid do Ghalile, agus chaidh iomradh uime feadh na ducha gu leir.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 4:14
10 Iomraidhean Croise  

Ach nuair a chuala Ìosa gun deach Eòin a chur an grèim, tharraing e air ais do Ghalile.


Agus chaidh an naidheachd mun seo a‑mach air feadh na tìre sin gu lèir.


Ach dh'fhalbh iad agus sgaoil iad an naidheachd ma dheidhinn air feadh na tìre sin gu lèir.


A‑nis às dèidh do dh'Eòin a bhith air a chur an grèim, thàinig Ìosa a‑steach do Ghalile, a' searmonachadh soisgeul Dhè,


Agus chaidh a chliù sa bhad a‑mach air feadh na tìre gu lèir timcheall Ghalile.


Agus nuair a chrìochnaich an diabhal a h‑uile buaireadh, dh'fhalbh e uaithe gus an tigeadh àm fàbharach.


Agus bha iomradh ma dheidhinn‑san a' dol a‑mach air feadh gach àite dhen cheàrnaidh mun cuairt.


Às dèidh an dà latha sin dh'fhalbh e, agus chaidh e às a sin a Ghalile.


Agus is aithne dhuib' fhèin dè a thachair tro Iudèa gu lèir, a' tòiseachadh o Ghalile às dèidh a' bhaistidh a chuir Eòin an cèill –


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan