Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 4:1 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

1 Agus thill Ìosa, làn dhen Spiorad Naomh, o Iòrdan agus bha e air a threòrachadh leis an Spiorad anns an fhàsach

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Agus air do Iosa a bhith làn den Spiorad Naomh, thill e air ais o Iòrdan, agus threòraicheadh e leis an Spiorad don fhàsach,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

1 Agus air do Iosa a bhith làn den Spiorad Naomh, thill e air ais o Iòrdan, agus threòraicheadh e leis an Spiorad don fhàsach,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

1 Agus thill Iosa bho Iordan lan deʼn Spiorad Naomh; agus ghluaiseadh leis an Spiorad e do ʼn fhasach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 4:1
19 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a chaidh Ìosa a bhaisteadh, sa bhad chaidh e suas às an uisge, agus seall, chaidh na nèamhan fhosgladh dha, agus chunnaic e Spiorad Dhè a' tighinn sìos mar chalman agus a' tighinn air.


Agus thàinig e anns an Spiorad dhan teampall. Agus nuair a thug na pàrantan am pàiste Ìosa a‑steach, airson 's gun dèanadh iad air a shon a rèir cleachdadh an lagha,


Agus chaidh e dhan sgìre mu thimcheall Iòrdain gu lèir, a' searmonachadh baisteadh an aithreachais, airson mathanas pheacaidhean.


mhic Enòis, mhic Shèit, mhic Àdhaimh, mhic Dhè.


Agus thill Ìosa a Ghalile ann an cumhachd an Spioraid, agus chaidh iomradh ma dheidhinn a‑mach air feadh a' cheàrnaidh mun cuairt gu lèir.


“Tha Spiorad an Tighearna orm, a chionn 's gun do dh'ung e mi airson an deagh sgeòil a shearmonachadh dha na bochdan. Tha e air mo chur a ghairm saorsa dha na braighdean agus fradharc air aiseag dha na doill, a thoirt saorsa dhan mhuinntir a tha air an claoidh,


An uair sin thug Eòin an fhianais seo: “Chunnaic mi an Spiorad a' tighinn a‑nuas o nèamh mar chalman agus a' fuireach air.


Oir tha esan a chuir Dia a‑mach ag ràdh faclan Dhè, oir chan ann a rèir tomhais a tha Dia a' toirt an Spioraid.


gus an latha nuair a chaidh a thoirt suas, às dèidh dha àithntean a thoirt, tron Spiorad Naomh, dha na h‑abstoil a bha e air a thaghadh.


mar a dh'ung Dia Ìosa o Nàsaret leis an Spiorad Naomh is le cumhachd, agus mar a chaidh e mun cuairt a' dèanamh maith agus gan slànachadh‑san uile a bh' air an claoidh leis an diabhal, oir bha Dia còmhla ris.


Agus nuair a thàinig iad a‑nìos às an uisge, thug Spiorad an Tighearna Philip air falbh, agus chan fhaca an caillteanach tuilleadh e, agus chaidh e air a shlighe a' dèanamh gàirdeachais.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan